Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aonghas Bàn Ceanadach, Pàipearan Cùirt an t-Siorraim t.d 08
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_5_21II_03
DEIT
1754
LINN
1750an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5719
KEYWORDS
pàipearan-cùirte
clàran-cùirte
cùirt an t-siorraim
meirle
Angus Bain Kennedy, Sheriff Court papers p08

Anns a' phàipear seo à Tasglann Comhairle Roinn na Gàidhealtachd, tha mìneachadh de na casaidean an aghaidh Aonghas Bàn Ceanadach, a b' àbhaist a bhith na phìobaire a' fuireach ann an Gleann Garadh. Tha trì meirlean ann, 's e sin trì mairt bho Dhonnchadh Bàn Arrach no Mac anTòisich no Friseal, gamhainn bho Ailig Friseal a bha ann an Srath Fharragaig, (tha iomradh air a thoirt air an dà chasaid ann an barantas ro làimh) agus còig eich bho Chalum Friseal ann an GleannBryne, cuideachd ann an sgìre Bhoth Fhleisginn. Tha deitichean air an toirt airson nam meirle mar a tha iad nan seasamh a' leigeil leotha a bhith ceàrr taobh a-staigh mìos air gach taobh.

Tha e air a chomharrachadh gu bheil Aonghas Bàn Ceanadach na dhuine "of notorious bad fame, held and reputed to be a common thief and resetter of stolen goods" Ach chan eil fianais air nochdadh fhathast agus tha eagal air an neach-tagraidh gum faigheadh "a notorious offender too much advantage to escape". mura bi fianais ann nuair a thèid e dhan chùirt . Thèid Aonghas Bàn Ceanadach a chur fo chùmhnant a-rithist airson feitheamh ri cùirt air deit eile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aonghas Bàn Ceanadach, Pàipearan Cùirt an t-Siorraim t.d 08

1750an

pàipearan-cùirte; clàran-cùirte; cùirt an t-siorraim; meirle

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records

Anns a' phàipear seo à Tasglann Comhairle Roinn na Gàidhealtachd, tha mìneachadh de na casaidean an aghaidh Aonghas Bàn Ceanadach, a b' àbhaist a bhith na phìobaire a' fuireach ann an Gleann Garadh. Tha trì meirlean ann, 's e sin trì mairt bho Dhonnchadh Bàn Arrach no Mac anTòisich no Friseal, gamhainn bho Ailig Friseal a bha ann an Srath Fharragaig, (tha iomradh air a thoirt air an dà chasaid ann an barantas ro làimh) agus còig eich bho Chalum Friseal ann an GleannBryne, cuideachd ann an sgìre Bhoth Fhleisginn. Tha deitichean air an toirt airson nam meirle mar a tha iad nan seasamh a' leigeil leotha a bhith ceàrr taobh a-staigh mìos air gach taobh.<br /> <br /> Tha e air a chomharrachadh gu bheil Aonghas Bàn Ceanadach na dhuine "of notorious bad fame, held and reputed to be a common thief and resetter of stolen goods" Ach chan eil fianais air nochdadh fhathast agus tha eagal air an neach-tagraidh gum faigheadh "a notorious offender too much advantage to escape". mura bi fianais ann nuair a thèid e dhan chùirt . Thèid Aonghas Bàn Ceanadach a chur fo chùmhnant a-rithist airson feitheamh ri cùirt air deit eile