Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Barantas gus Eòghann MacColla bàn a thoirt o Thaighean-feachda A' Ghearasdain
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_8_1_02
DEIT
1729
LINN
1720an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5739
KEYWORDS
pàipearan cùirte
clàran cùirte
Warrant to transport Ewan MacCoill vain from Fort William Barracks

'S e seo am barantas gus Eòghann MacColla bàn a thoirt o Thaighean-feachda A' Ghearasdain gu Prìosan Inbhir Nis. Bha e air a chur às a leth gun do mhort e Iain Camshron anns Na Cluainean is Dùghall Dòmhnallach ann an Inbhir Garadh. 'S e Sir Bhàtair Pringle Urramach à Newhall, fear de Mhorairean Coimiseanairean a' Cheartais, a sgrìobh am barantas air 20 Màrt 1729 ann an Dùn Èideann. Chaidh fhaighinn ciontach den dà mhurt an dèidh seo.

Anns na pàipearan mun chùis seo, tha ainm is àite-còmhnaidh a' phrìosanaich air an litreachadh ann an dòighean eadar-dhealaichte - "Evan Mcoill vain" / "Ewan McCoil vain" agu "Achncarry" / "Auchnacarry". 'S e pàirt dealbhach den ainm a bh' ann an "Vain" ('bàn), a' comharrachadh gun robh athair bàn. Bha e na phrìosanach ann an taighean-feachda "Killichwiman" (seann dreach air A' Ghearasdan sa Ghàidhlig) agus "indicted in the Porteous roll for the shire of Inverness agt the first day of May next for ye Barborous murder" nuair a chaidh a' chiad bhileag a sgrìobhadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Barantas gus Eòghann MacColla bàn a thoirt o Thaighean-feachda A' Ghearasdain

1720an

pàipearan cùirte; clàran cùirte

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records

'S e seo am barantas gus Eòghann MacColla bàn a thoirt o Thaighean-feachda A' Ghearasdain gu Prìosan Inbhir Nis. Bha e air a chur às a leth gun do mhort e Iain Camshron anns Na Cluainean is Dùghall Dòmhnallach ann an Inbhir Garadh. 'S e Sir Bhàtair Pringle Urramach à Newhall, fear de Mhorairean Coimiseanairean a' Cheartais, a sgrìobh am barantas air 20 Màrt 1729 ann an Dùn Èideann. Chaidh fhaighinn ciontach den dà mhurt an dèidh seo.<br /> <br /> Anns na pàipearan mun chùis seo, tha ainm is àite-còmhnaidh a' phrìosanaich air an litreachadh ann an dòighean eadar-dhealaichte - "Evan Mcoill vain" / "Ewan McCoil vain" agu "Achncarry" / "Auchnacarry". 'S e pàirt dealbhach den ainm a bh' ann an "Vain" ('bàn), a' comharrachadh gun robh athair bàn. Bha e na phrìosanach ann an taighean-feachda "Killichwiman" (seann dreach air A' Ghearasdan sa Ghàidhlig) agus "indicted in the Porteous roll for the shire of Inverness agt the first day of May next for ye Barborous murder" nuair a chaidh a' chiad bhileag a sgrìobhadh