Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Barantas gus Eòghann MacColla bàn a chur gu bàs
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_8_1_04
DEIT
1729
LINN
1720an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5743
KEYWORDS
pàipearan cùirte
clàran cùirte
Warrant for the execution of Ewan MacCoill vain

'S e seo nòta cuspair Barantas Crochaidh airson Eòghann MacColla bàn, is airson a chorp a chrochadh ann an slabhraidhean iarainn on chroich an dèidh sin, air a sgrìobhadh air 2 Cèitean 1729 ann an Inbhir Nis. 'S e Adhamh Cokburne Urramach às Ormistoun, Clàrc Morairean a' Cheartais, agus Sir Uilleam Calderwood à Polton, fear de Mhorairean Coimiseanairean a' Cheartais, a sgrìobh e

Chaidh am prìosanach fhaighinn ciontach de dhà mhurt is chan e a-mhàin gum biodh e air a chrochadh, ach an dèidh a bhàis bha a chorp gu bhith air a chrochadh ann an slabhraidhean iarainn - 's dòcha gus nach biodh e air a ghearradh sìos - airson ùine neo-chomharraichte. Tha sinn a' tuigsinn gun robh e follaiseach mar rabhadh do dhaoine. Bha e gu bhith air a chrochadh aig "the Common Place of Execution in the Burgh of Inverness". 'S dòcha gun robh seo far a bheil Rathad Chùl Dubhuillt an-diugh. B' e 'Doom's Gait' a bh' air Sràid a' Chaisteil uaireigin, oir bha prìosanaich air an toirt suas an t-sràid on Phrìosan (aig Taigh Baile Inbhir Nis, far am bheil Sràid na h-Eaglais is Sràid na Drochaid a' coinneachadh) gu àite a' chrochaidh.

Bha a' bhinn "pronounced by the mouth of Alexandr Mcdonald Dempster of Court for doom", is bha e mothachail gun deach a' bhinn a labhairt. 'S dòcha gu bheil cuideam air choreigin gur e ainm Gàidhealach a th' air an Dempster, an taca ri na Morairean a bha nam britheamhan. 'S e dreuchd Albannach a bh' ann an dreuchd Dempster, le thùs ann an 'judex' an t-siostaim laghail thraidiseanta, is an toiseach bha eòlas mionaideach aige air an lagh is b' urrainn dha pàirt sam bith aithris. Aig an àm seo, cha robh Dempster an sàs ann an cùis sam bith ach cùisean mòr-chiontach, nuair a bha aige ri dìteadh a' phrìosanaich ainmeachadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Barantas gus Eòghann MacColla bàn a chur gu bàs

1720an

pàipearan cùirte; clàran cùirte

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records

'S e seo nòta cuspair Barantas Crochaidh airson Eòghann MacColla bàn, is airson a chorp a chrochadh ann an slabhraidhean iarainn on chroich an dèidh sin, air a sgrìobhadh air 2 Cèitean 1729 ann an Inbhir Nis. 'S e Adhamh Cokburne Urramach às Ormistoun, Clàrc Morairean a' Cheartais, agus Sir Uilleam Calderwood à Polton, fear de Mhorairean Coimiseanairean a' Cheartais, a sgrìobh e<br /> <br /> Chaidh am prìosanach fhaighinn ciontach de dhà mhurt is chan e a-mhàin gum biodh e air a chrochadh, ach an dèidh a bhàis bha a chorp gu bhith air a chrochadh ann an slabhraidhean iarainn - 's dòcha gus nach biodh e air a ghearradh sìos - airson ùine neo-chomharraichte. Tha sinn a' tuigsinn gun robh e follaiseach mar rabhadh do dhaoine. Bha e gu bhith air a chrochadh aig "the Common Place of Execution in the Burgh of Inverness". 'S dòcha gun robh seo far a bheil Rathad Chùl Dubhuillt an-diugh. B' e 'Doom's Gait' a bh' air Sràid a' Chaisteil uaireigin, oir bha prìosanaich air an toirt suas an t-sràid on Phrìosan (aig Taigh Baile Inbhir Nis, far am bheil Sràid na h-Eaglais is Sràid na Drochaid a' coinneachadh) gu àite a' chrochaidh.<br /> <br /> Bha a' bhinn "pronounced by the mouth of Alexandr Mcdonald Dempster of Court for doom", is bha e mothachail gun deach a' bhinn a labhairt. 'S dòcha gu bheil cuideam air choreigin gur e ainm Gàidhealach a th' air an Dempster, an taca ri na Morairean a bha nam britheamhan. 'S e dreuchd Albannach a bh' ann an dreuchd Dempster, le thùs ann an 'judex' an t-siostaim laghail thraidiseanta, is an toiseach bha eòlas mionaideach aige air an lagh is b' urrainn dha pàirt sam bith aithris. Aig an àm seo, cha robh Dempster an sàs ann an cùis sam bith ach cùisean mòr-chiontach, nuair a bha aige ri dìteadh a' phrìosanaich ainmeachadh