Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Athchuinge is Fiosrachadh an aghaidh Ruairidh Dhòmhnallaich (earrann)
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_8_7
DEIT
1754
LINN
1750an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5744
KEYWORDS
pàipearan chùirte
clàran cùirte
Petition and Information against Rory MacDonald (extract)

Seo leth-bhreac den chiad duilleag de dh'athchuinge an aghaidh Ruairidh Dhòmhnallaich, Torlamurich, o 1754 ann an Dùn Èideann. Chan eil dad ach seo den athchuinge air fhàgail. Tha e air a chur às a leth gun do phian e cailleach airson gun aidicheadh I gun robh I an sàs ann am buidseachd. B' e Morairean a' Cheartais Gillebrìde Elliot à Minto, Alasdair Friseal à Srath Eachainn, Pàdraig Grannd às Eileachaidh agus Hugo Dalrymple às An Druim Mòr a thog an athchuinge.

Tha an neach fo chasaid an grèim sa Ghearasdan air sgàth barantas a chuir Siorraidh Ionaid Inbhir Nis a-mach. Tha e air a chur às a leth gun tug e ionnsaigh air cailleach is "barbarously put the soles of [her] feet before a fire in order to exhort an Confession from her that she was a witch, and which cruel usage occasioned her death." 'S e a leisgeul nach eil ainm a' bhoireannaich no àm no àite a' phianaidh a th' air a chur às a leth anns a' chiad Bharantas, is tha e ag iarraidh a bhith air a leigeil mu sgaoil air urras. 'S e am pàipear seo toiseach a' bharantais ùir a chaidh a chur a-mach gus na mearachdan seo a cheartachadh agus, gu h-inntinneach, tha beagan fiosrachaidh ann mun chasaid. B' e am boireannach Catrìona NicFhionghain, a bh' air a h-ainmeachadh mar nighean Eachainn'ic Dhòmhnaill Chiar ('Nien Eachain vic Doil Kir' an seo) a bh' air a dhol gu taigh an fhir fo chasaid san Eilean Sgitheanach san Earrach 1747.

Tha e coltach o phàipearan eile san tasglann (L/INV/SC/6/60) gur e fear-tac san Eilean Sgitheanach a bh' ann an Ruairidh Dòmhnallach is ann an 1754 chaidh casaidean eucoir eile a chur air, nam measg a' toirt ionnsaigh agus a bhith ann an èideadh Gàidhealach, a bha toirmisgte an dèidh Blàr Chùil Lodair ann an 1746. Mar fhear-tac, dh'fhaodadh gun robh ceangal teaghlaich aige ri ceannard Chlann Dòmhnaill is bhiodh prìomh àite aige sa choimhearsnachd, chan ann a-mhàin mar dhuine le ùghdarras ach mar fhear le dleastanasan gu a mhàladairean.

Cha b' e rud ùr a bh' ann sa Ghaidhealtachd, no an àite sam bith san Roinn Eòrpa, a bhith a' pianadh neach gus toirt air aideachadh gun robh e an sàs ann am buidseachd, ach ann an 1662 chaidh casg a chur air na dòighean a bhathar a' cleachdadh gus aideachadh fhaighinn, is bha pianadh toirmisgte. Mar thoradh air an seo, cha robh uibhir de chùisean air an toirt gu cùirt is bha ìsleachadh anns an àireamh a bha gan cur gu bàs. Bhathar fhathast a' creidsinn ann am buidseachd, ge-tà, is cho fada ri 1727 bha cailleach air a mùchadh aig a' phost is air a losgadh ann am baraille làn teàrradh airson pònaidh a dhèanamh den nighean aice, a rèir breith Siorraidh Ionaid. Ann an 1736, chuir Achd Pàrlamaid às de laghan an aghaidh buidseachd ann am Breatainn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Athchuinge is Fiosrachadh an aghaidh Ruairidh Dhòmhnallaich (earrann)

1750an

pàipearan chùirte; clàran cùirte

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records