Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe.
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_506
ÀITE
Taladal
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5748
KEYWORDS
luchd-turais Bhictorianach
taighean-òsta
tursan rìoghail
Loch Maree Hotel

Dealbh-camara de Thaigh-òsta Loch Ma-Ruibhe agus a' phàirc-chàraichean.

Tha Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe ainmeil air mar a dh'fhuirich a' Bhanrigh Bhictoria ann ann an 1877 fhad 's a bha i a' dèanamh a cuairt air a' Ghàidhealtachd. Ann am beachd mòran, 's e seo a dh'adhbhraich àrdachadh mòr san àireamh de luchd-turais a' tighinn don sgìre.

'S ann bhon Ghàidhlig a tha ainm an loch a' tighinn, on Naomh Maol Rubha a stèidhich caibeal san ochdamh linn air eilean am meadhan an loch, air a bheil an-diugh Eilean Ma-Ruibhe. 'S e Loch Ma-Ruibhe an ceathramh loch fìor-uisge as motha ann an Alba le fad de 20km agus leud de 4km aig a' phìos as leatha. Tha rathad an A832 a' dol dhan iar a' leantainn bruaich a deas an loch, agus tha mòran den bheachd gur e seo fear de na lochan as tlachdmhoire don t-sùil a th' ann an Alba.

Tha a' bheinn An Sleaghach (àirde 980m) air bruaich a tuath Loch Ma-Ruibhe agus tha Tèarmann Nàdair Beinn Eighe air a bhruaich a deas. Leis mar a tha an loch na laighe ann am prìomh sgìre airson coiseachd nam beanntan, bidh mòran luchd-turais a' dèanamh air a h-uile bliadhna, tòrr aca a' sreap gu ruig na mullaichean a tha timcheall air.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe.

luchd-turais Bhictorianach; taighean-òsta; tursan rìoghail

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection