Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tagradh le Murchadh MacCoinnich, t.d 2
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_9_16I_02
DEIT
1764
LINN
1760an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5751
KEYWORDS
pàipearan-cùirte
clàran-cùirte
clann
Petition presented by Murdoch MacKenzie, p2

Seo duilleag bho thagradh le Mgr Murchadh MacCoinnich, a bha na mhinistear agus na mhodaratar air seisean Inbhir Nis, agus barantas prìosain airson Gilleasbaig MacPhàil, Ealasaid NicAoidh, Ailig Gavin agus Anna NicGhlasain, a bha nan searbhantan aig Alasdair Mac na Clèirich, am fear-tac, à Geddes ann an Siorrachd Inbhir Nàrainn, air a thoirt seachad leis An Fhìor Urramach Alasdair Boswell à Achadh nan Leac, fear de choimiseanairean mòrairean breitheamhan a' Chrùin, leis an deit 26mh den Cheitean 1764 ann an Inbhir Nis.

Tha e air a chur às a leth gun tug an ceathrar a tha fo chasaid, leanabh do thaigh Phineas Mac anTòisich, a bha na cheannaiche agus na Dheaghan ann an Inbhir Nis, 's dh'fhàg iad an sin e aig dà uair 's a' mhadainn air oidhche le reothadh anns an Fhaoilleach. Tha an cànan a' cur cuideam air a' chunnart a bha iad a' gabhail le beatha a' bhalaich bhig - "in all humane possibility the child must have died in a very short time" (leis cho fuar 's a bha e), agus an uair sin an cùram a chaidh a thoirt dha an dèidh a lorg - "they directed the Child to be given to a nurse to be cared for and nursed".

Tha an neach-tagraidh air ainmeachadh mar mhinistear 's mar mhodaratar Seisean Inbhir Nis. 'S e "Kirk" am facal Albannach airson eaglais, ach an seo, le litir mhòr, tha e a' ciallachadh Eaglais na h-Alba gu sònraichte. 'S e buidheann riaghlaidh na h-eaglaise a th' anns an t-seisean. Tha i an urra ri gnothaichean na h-eaglaise bho latha gu latha agus beatha spioradail nam ball. Anns an ochdamh linn bhiodh seo air a leudachadh don choimhearsnachd fhèin.
Bhiodh leanabh a chaidh fhàgail gun dachaigh an urra ris an t-seisean, gu ìre air sgàth 's nach robh duine sam bith a'gabhail cùraim airson an leanaibh 's gu ìre air sgàth 's gum biodh beachd ann gur dòcha gur e leanabh-dìolain a bh' ann. Bha obair shoilleir aig an eaglais a thaobh stiùireadh moraltach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tagradh le Murchadh MacCoinnich, t.d 2

1760an

pàipearan-cùirte; clàran-cùirte; clann

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records