Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tagradh le Murchadh MacCoinnich, t.d 3
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_9_16I_03
DEIT
1764
LINN
1760an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5753
KEYWORDS
pàipearan-cùirte
clàran-cùirte
clann
Petition presented by Murdoch MacKenzie, p3

Seo duilleag bho thagradh le Mgr Murchadh MacCoinnich, a bha na mhinistear agus na mhodaratar air seisean Inbhir Nis, agus barantas prìosain airson Gilleasbaig MacPhàil, Ealasaid NicAoidh, Ailig Gavin agus Anna NicGhlasain, a bha nan searbhantan aig Alasdair Mac na Clèirich, am fear-tac, à Geddes ann an Siorrachd Inbhir Nàrainn, air a thoirt seachad leis An Fhìor Urramach Alasdair Boswell à Achadh nan Leac, fear de choimiseanairean mòrairean breitheamhan a' Chrùin, leis an deit 26mh den Cheitean 1764 ann an Inbhir Nis.

Tha e air a chur às a leth gun tug an ceathrar a tha fo chasaid, leanabh do thaigh Phineas Mac anTòisich, a bha na cheannaiche agus na Dheaghan ann an Inbhir Nis, 's dh'fhàg iad an sin e aig dà uair 's a' mhadainn air oidhche le reothadh anns an Fhaoilleach.

Carson a chaidh an leanabh seo fhàgail aig an dearbh thaigh seo, ann an Inbhir Nis, nuair a bha na daoine fo chasaid, nan searbhantan ann an Geddes Beag ann an Siorrachd Inbhir Nàrainn? 'S dòcha gun robh ceangal air choreigin ri teaghlach Mhic anTòisich, no 's dòcha nach eil ann ach gun robh Phineas Nic anTòisich gu math cumhachdach ann an Inbhir Nis (tha an t-ainm aige a' nochdadh ann an iomadh pàipear, aig iomadh ìre) 's nan gabhadh a theaghlach a-steach an leanabh gum biodh cothrom aige air beatha na b' fheàrr. 'S dòcha nach b' e na daoine a chaidh a chur fo chasaid a bha an sàs anns a' ghnothaich idir 's nach b' ann à Inbhir Narann a bha an leanabh. Chaidh urras a stèidhicheadh aig 100 marg Albannach an duine

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tagradh le Murchadh MacCoinnich, t.d 3

1760an

pàipearan-cùirte; clàran-cùirte; clann

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records

Seo duilleag bho thagradh le Mgr Murchadh MacCoinnich, a bha na mhinistear agus na mhodaratar air seisean Inbhir Nis, agus barantas prìosain airson Gilleasbaig MacPhàil, Ealasaid NicAoidh, Ailig Gavin agus Anna NicGhlasain, a bha nan searbhantan aig Alasdair Mac na Clèirich, am fear-tac, à Geddes ann an Siorrachd Inbhir Nàrainn, air a thoirt seachad leis An Fhìor Urramach Alasdair Boswell à Achadh nan Leac, fear de choimiseanairean mòrairean breitheamhan a' Chrùin, leis an deit 26mh den Cheitean 1764 ann an Inbhir Nis. <br /> <br /> Tha e air a chur às a leth gun tug an ceathrar a tha fo chasaid, leanabh do thaigh Phineas Mac anTòisich, a bha na cheannaiche agus na Dheaghan ann an Inbhir Nis, 's dh'fhàg iad an sin e aig dà uair 's a' mhadainn air oidhche le reothadh anns an Fhaoilleach. <br /> <br /> Carson a chaidh an leanabh seo fhàgail aig an dearbh thaigh seo, ann an Inbhir Nis, nuair a bha na daoine fo chasaid, nan searbhantan ann an Geddes Beag ann an Siorrachd Inbhir Nàrainn? 'S dòcha gun robh ceangal air choreigin ri teaghlach Mhic anTòisich, no 's dòcha nach eil ann ach gun robh Phineas Nic anTòisich gu math cumhachdach ann an Inbhir Nis (tha an t-ainm aige a' nochdadh ann an iomadh pàipear, aig iomadh ìre) 's nan gabhadh a theaghlach a-steach an leanabh gum biodh cothrom aige air beatha na b' fheàrr. 'S dòcha nach b' e na daoine a chaidh a chur fo chasaid a bha an sàs anns a' ghnothaich idir 's nach b' ann à Inbhir Narann a bha an leanabh. Chaidh urras a stèidhicheadh aig 100 marg Albannach an duine