Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tagradh an teaghlaich Rois gu Morair Achadh na Cloiche: am freagairt
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_9_27III_03
DEIT
1792
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5759
KEYWORDS
pàipearan cùirte
clàran cùirte
Petition of the Ross family to Lord Stonefield: the response

Seo susbaint an tagraidh a rinn Iain Ros, Alasdair agus Iain Ros, Dòmhnall Rothach agus Uilleam Rothach gu an Fhìor Urramach Morair Achadh na Cloiche. Tha an tagradh ag agairt gum faod an eucoir, leis a bheil iad fo chasaid, a bhith air urras agus ag iarraidh urras a stèidheachadh. Thathar a' cur às leth an fheadhainn fo chasaid "gu robh iad ciontach às a bhith a' cròdhadh, a' glacadh agus a' cur ruaig gu mì-laghail air iomadh treud chaorach".

Tha an sgrìobhainn co-cheangailte ri tachartas ann an Aimhreit Chaorach Shiorrachd Rois, às dèidh sin ainmichte mar 'Bliadhna nan Caorach'. Air an 27 den Iuchair 1792 bha Clann Rois Shrath Rùsdail cruinn còmhla aig banais agus a chuir iad romhpa am bagairt a chur an gnìomh agus na caoraich fhuadach a-mach. Ceithir latha às dèidh sin thòisich timcheall air 400 duine a' sgiùrrsadh chaorach a-mach à cnuic na Gàidhealtachd, agus mu Dhisathairne an 6mh latha den Lùnastal bha còrr agus sia mìle beathach caorach aca air an rathad gun Mhanachainn. Bha an t-arm air an t-slighe ged-thà, agus ann an uairean moch na maidne thug iad an grèim grunn de na Rosaich, a bha fhathast a-muigh sa bheinn, agus cuideachd Iain Ros, Dòmhnall Rothach agus a mhic Uilleam agus Seòras, a bha air tilleadh dhachaigh.

Bha Aimhreit Chaorach Shiorrachd Rois fìor chudromach ann a bhith a' sealltainn toiseach tòiseachaidh nam Fuadaichean, nuair a bha na h-uachdarain a' faighinn a-mach gun robh tomhas mòr de thuathanachas chaorach na bu phrothaidiche na bhith a' leigeil an cuid talmhainn a-mach air màl gu luchd-gabhail. Bha an t-àm a' leantainn air ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745 agus Blàr Chùil Lodair na àm atharrachaidh deatamach ann an cultar nan Gàidheal. Mar a b' àbhaist fon t-siostam cinnidh, bha beairteas a' chinn-cinnidh air a thomhas leis an àireamh shaighdearan a b' urrainn dha a chur gu blàr cogaidh. Bha e fo fhiachan aig na fir sin an ùmhlachd a thoirt dha agus b' e a dhleastanas an treòrachadh agus an dìon. A thuilleadh air an sin, bhuineadh na daoine, an ceann-cinnidh nam measg, dhan fhearann.

Às dèidh an '45 ge-tà, ghèill bun-bheachd a' chinn-cinnidh dha bun-bheachd an uachdarain. Chaill cinn-cinnidh an uachdranachd oighreachail agus an cumhachdan traidiseanta agus bhuannaich iad dlighe fhoirmeil air an fhearann a bha iad air a bhith a' gleidheadh às leth nan daoine. Aig àm nan 1790an bha 'leasachadh fearainn' glè fhasanta, co-dhiù ann an àrd shreathan a' chomainn shòisealta, ach b' ann a bha an leasachadh mar bu thrice anns a' phrothaid ionmhasail a bha ri fhaotainn, seach ann am meudachadh air uallach sòisealta. Bha an neach-gabhail cumanta sa ghleann a' faicinn an t-saoghail san aon dòigh gu ìre mhòr agus a bha a shìnnsearan, agus sin an t-adhbhar gu robh fuadach an luchd-gabhail air fhaicinn, chan ann a-mhàin aingidh gu sòisealta ach mar bhrath uabhasach le na dearbh dhaoine a bu chòir a bhith gan dìon.

Ann an 1792, bha eagal air cuid de na h-uachdarain Gàidhealach gu leanadh mì-riarachadh air gu ar-a-mach fosgailte. Ach, dhiùlt na poilis san nàbaidheachd gnothaich a ghabhail ri Aimhreit Chaorach Shiorrachd Rois agus mar sin, dh'ionnsaich na h-uachdarain gum faodadh iad earbsa le misneachd a chur ann an taic bhon lagh agus bhon arm gus an còirean nochdte a chumail suas. Rèitich seo an t-slighe dha na Fuadaichean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tagradh an teaghlaich Rois gu Morair Achadh na Cloiche: am freagairt

1790an

pàipearan cùirte; clàran cùirte

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records