Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tagradh Raibeirt Dundas gu Morair Achadh na Cloiche: am freagairt
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_9_27II_03
DEIT
1792
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5764
KEYWORDS
pàipearan cùirte
clàran cùirte
Petition of Robert Dundas to Lord Stonefield: the response

Seo susbaint tagradh a rinn Raibeart Dundas, Uas., Neach-tagraidh a Mhòrachd an Rìgh às leth Maitheas a Mhòrachd, gu an Fhìor Urramach Morair Achadh na Cloiche, aon de Choimiseanairean Breithneachaidh nam Morairean, Britheamh air a' Chuairt ann an Inbhir Nis, a thaobh glacadh agus braighdeanas Iain Rois, neach-gabhail ann an Srath Rùsdail, còmhla ri a dhithis mhac Alasdair agus Iain Ros agus Dòmhnall Rothach leis an ainm eile Mac an Aide, agus a mhac Uilleam Mac an Aide. Thathar a' cur às leth an fheadhainn fo chasaid "gu robh iad ciontach às a bhith a' cròdhadh, a' glacadh agus a' cur ruaig gu mì-laghail air iomadh treud chaorach".

Tha an sgrìobhainn co-cheangailte ris a' chiad tachartais ar-a-mach (agus an aon fhear san do nochd fòirneart às leth nan "reubaltaich") ann an Aimhreit Chaorach Shiorrachd Rois, às dèidh sin ainmichte mar 'Bliadhna nan Caorach'. Air an 27 den Iuchair 1792 bha Clann Rois Shrath Rùsdail cruinn còmhla aig banais agus a chuir iad romhpa am bagairt a chur an gnìomh agus na caoraich fhuadach a-mach. Ceithir latha às dèidh sin thòisich timcheall air 400 duine a' sgiùrsadh chaorach a-mach à cnuic na Gàidhealtachd, agus mu Dhisathairne an 6mh latha den Lùnastal bha còrr agus sia mìle beathach caorach aca air an rathad gun Mhanachainn. Bha an t-arm air an t-slighe ged-thà, agus ann an uairean moch na maidne thug iad an grèim grunn de na Rosaich, a bha fhathast a-muigh sa bheinn, agus cuideachd Iain Ros, Dòmhnall Rothach agus a mhic Uilleam agus Seòras, a bha air tilleadh dhachaigh.

Tha an aimhreit a' sealltainn toiseach tòiseachaidh nam Fuadaichean, nuair a bha na h-uachdarain a' faighinn a-mach gun robh tomhas mòr de thuathanachas chaorach na bu phrothaidiche na bhith a' leigeil an cuid talmhainn a-mach air màl gu luchd-gabhail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tagradh Raibeirt Dundas gu Morair Achadh na Cloiche: am freagairt

1790an

pàipearan cùirte; clàran cùirte

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records

Seo susbaint tagradh a rinn Raibeart Dundas, Uas., Neach-tagraidh a Mhòrachd an Rìgh às leth Maitheas a Mhòrachd, gu an Fhìor Urramach Morair Achadh na Cloiche, aon de Choimiseanairean Breithneachaidh nam Morairean, Britheamh air a' Chuairt ann an Inbhir Nis, a thaobh glacadh agus braighdeanas Iain Rois, neach-gabhail ann an Srath Rùsdail, còmhla ri a dhithis mhac Alasdair agus Iain Ros agus Dòmhnall Rothach leis an ainm eile Mac an Aide, agus a mhac Uilleam Mac an Aide. Thathar a' cur às leth an fheadhainn fo chasaid "gu robh iad ciontach às a bhith a' cròdhadh, a' glacadh agus a' cur ruaig gu mì-laghail air iomadh treud chaorach".<br /> <br /> Tha an sgrìobhainn co-cheangailte ris a' chiad tachartais ar-a-mach (agus an aon fhear san do nochd fòirneart às leth nan "reubaltaich") ann an Aimhreit Chaorach Shiorrachd Rois, às dèidh sin ainmichte mar 'Bliadhna nan Caorach'. Air an 27 den Iuchair 1792 bha Clann Rois Shrath Rùsdail cruinn còmhla aig banais agus a chuir iad romhpa am bagairt a chur an gnìomh agus na caoraich fhuadach a-mach. Ceithir latha às dèidh sin thòisich timcheall air 400 duine a' sgiùrsadh chaorach a-mach à cnuic na Gàidhealtachd, agus mu Dhisathairne an 6mh latha den Lùnastal bha còrr agus sia mìle beathach caorach aca air an rathad gun Mhanachainn. Bha an t-arm air an t-slighe ged-thà, agus ann an uairean moch na maidne thug iad an grèim grunn de na Rosaich, a bha fhathast a-muigh sa bheinn, agus cuideachd Iain Ros, Dòmhnall Rothach agus a mhic Uilleam agus Seòras, a bha air tilleadh dhachaigh.<br /> <br /> Tha an aimhreit a' sealltainn toiseach tòiseachaidh nam Fuadaichean, nuair a bha na h-uachdarain a' faighinn a-mach gun robh tomhas mòr de thuathanachas chaorach na bu phrothaidiche na bhith a' leigeil an cuid talmhainn a-mach air màl gu luchd-gabhail