Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Barantas de fo-chùmhnant an aghaidh Iain Rois aithnichte mar MacDhaibhidh t.d 02
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_9_27I_02
DEIT
1792
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5767
KEYWORDS
pàipearan-cùirte
clàran-cùirte
Na Fuadaichean
peanasan
Warrant of Commitment against John Ross, alias Davidson p2

'S e seo Barantas de Fo-chùmhnant an aghaidh Iain Rois, aithnichte mar MacDhaibhidh, 's daoine eile leis an deit 1792. Tha e co-cheangailte ris a' chiad ar-a-mach ( 's an aon fhear anns an robh fòirneart air taobh nan reubaltach) ann an Aimhreit nan Caorach ann an agus a bhiodh ainmeil an dèidh seo mar Bhliadhna nan Caorach. Bha an aimheit mar thoiseach tòiseachaidh do na Fuadaichean, nuair a bha uachdarain a' faighinn a-mach gun robh mòr-thuathanasan chaorach na bu phrothaidiche na bhith a' leigeil an fhearainn aca air mhàl gu luchd-gabhaltais.

Tha e air a chur às an leth gun do bhuail iad corra uair, Ailean Camshron, "vieing with each other, who should get a stroke at him", agus a' goid bhuaithe. Cuideachd tha e air a chur às an leth gun tug iad ionnsaigh air a bhràthair Alasdair Camshron, manaistear Iain Camshron agus a bhean Catriona Chamshron 's a' maoidheadh an taigh aige a losgadh. Tha e air a chur às an leth gun do leig iad mu sgaoil an crodh aca, a bha Camshron air a chur an grèim, agus a' maoidheadh a mharbhadh mura gealladh e an t-siorrachd fhàgail 's na caoraich aige a thoirt leis, "swearing and explaining that they would extirpate sheep from the country".

Mar ro-shealladh, tha am barantas ag òrdachadh gum bu chòir na prìosanaich a bhith air an cumail ann am prìosan ann an Inbhir Nis seach ann am fear ann an Siorrachd Rois, "as there was reason to apprehend that attempts might be made to rescue them if confined at Tain or Dingwall". Cha robh sgeul air a' chòignear fhear, a bha na b'fhaide air adhart air an dearbhadh ciontach ann a bhith treòrachadh na h-aimhreit agus air an deach binn a chur, air a' 14mh den t-Sultain, mus deach a' bhinn a thoirt a-mach 's cha deach an glacadh a-rithist, a dh'aindeoin an còig not an urra a chaidh a thabhann airson an glacadh.

Tha Ailean Camshron, am fear air an deach an ionnsaigh a thoirt, leis "eighty or a hundred [who] assembled in a riotous and tumultuous manner" air an 29mh den Ògmhios air a ainmeachadh an seo mar fhear-tac ach tha coltas ann gur e bàillidh no fiu 's tuathanach a bh' ann. 'S e ciobair à Loch Abar a bh' ann 's cha robh ceangal aige ri fine. Ann an dòigh, b' e tuathanaich a bh' anns a' mhòr-chuid de na fir-taca ach b' e tuathanaich a bha cuideachd nam fir-uaisle le grunnd de iar-thuathanaich a bha ag obair an fhearainn. Nuair a dh'fhalbh mòran de na fir-taca a dh'Ameirgea mar is iad a' diùitadh gabhail ri inbhe nas ìsle, gu math tric bheireadh iad na h- iar-thuathanaich còmhla riutha. Tha e coltach nach robh iar-thuathanaich aig Camshron idir, dìreach caoraich. A-rithist 's a-rithist chuir e crodh 's eich fo ghrèim ann am faingean a bha tuathanaich eile a' ceadachadh falbh air feadh an fhearainn aige agus thug e orra airgead a phàigheadh mus leigeadh e às iad.

Gu h-annasach, 's e an deit air a' bharantas seo 27mh den Iuchar 1792, an latha a bha teaghlach nan Rosach à Srath Rùsdail cruinn còmhla aig banais 's a cho-dhùin iad na chaoraich a chur a-mach. Ceithir latha an deidh sin, thòisich mu cheithir ceud fear a' trusadh chaorach ann am beanntan na Gàidhealtachd agus Disathairne 6mh den Lùnastal bha sìa mìle caora no barrachd a' dèanamh air a' Mhanachainn, ach bha an t-arm air an rathad agus tràth anns a' mhadainn chuir iad an grèim grunnd de theaghlach nan Rosach a bha fhathast anns a' mhonadh agus cuideachd Iain Ros, Dòmhnall Rothach agus a mhic Uilleam agus Seòras a bha air tilleadh dhachaigh.

Tha Aimhreit nan Caorach ann an Siorrachd Rois a' comharrachadh toiseach nam Fuadaichean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Barantas de fo-chùmhnant an aghaidh Iain Rois aithnichte mar MacDhaibhidh t.d 02

1790an

pàipearan-cùirte; clàran-cùirte; Na Fuadaichean; peanasan

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records