Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Barrantas Dealais an aghaidh Iain Rois, no Mac Dhàibhidh, d.6
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_9_27I_06
DEIT
1792
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5773
KEYWORDS
pàipearan cùirte
clàran cùirte
Na Fuadaichean
peanasan
Warrant of Commitment against John Ross, alias Davidson p6

Seo barrantas dealais an aghaidh Iain Rois, no Mac Dhàibhidh, agus feadhainn eile, leis a' cheann-latha 1792. Tha e co-cheangailte ris a' chiad ar-a-mach (agus an aon fhear san do nochd fòirneart às leth nan "reubaltach") ann an Aimhreit Chaorach Shiorrachd Rois, às dèidh sin ainmichte mar 'Bliadhna nan Caorach'. Tha an aimhreit a' sealltainn toiseach tòiseachaidh nam Fuadaichean, nuair a bha na h-uachdarain a' faighinn a-mach gun robh tomhas mòr de thuathanachas chaorach na bu phrothaidiche na bhith a' leigeil an cuid talmhainn a-mach air mhàl gu luchd-gabhail.

Tha an luchd-casaid air an coireachadh le bhith a' dochann Ailein Chamshroin uair is uair, fiù 's gun ìre gun robh iad "a' strì ri chèile ach cò gheibheadh buille air", agus a' goid air. Tha iad air an coireachadh cuideachd le bhith a' toirt ionnsaigh air a bhràthair Alasdair Camshron, am manaidsear Iain Camshron agus a bhean Caitriona Chamshron, agus a' maoidheadh orra an taigh aca a losgadh gu talamh. Tha iad fo chasaid gun do leig iad mu sgaoil an cuid chruidh a bha Camshron air a dhleasadh, agus a' bagairt a mharbhadh mura gealladh e an sgìre fhàgail agus a chuid chaorach a thoirt leis, "a' mionnan agus a' gealltainn gun cuireadh iad às do chaoraich gu tur san dùthaich".

Mar ro-chùram, tha am barrantas ag òrdachadh na prìosanaich a chumail ann an Inbhir Nis, seach ann am prìosan sam bith eile ann an Siorrachd Rois, "oir bhathar a' creidsinn gum faodadh oidhirp a bhith ann an saoradh nan deigheadh an cuir fo ghlais ann am Baile Dhubhthaich no ann an Inbhir Pheofharain". Theich an còignear fhear, a chaidh a dhìteadh, air an 14 den t-Sultain, fhad 's a bha iad a' feitheamh ri am binn a chur an gnìomh, agus cha deach a-riamh an glacadh a-rithist a dh'aindeoin duais £5 a bhith air a thairgsinn airson gach fear aca.

Thathar a' toirt iomradh air Ailean Camshron an seo, air an tugte ionnsaigh "leis a' cheithir fichead no an ceud a chruinnich ann an dòigh aimhreiteach agus onghaileach" air 29 den Ògmhios 1792, mar "fear-taic", ach tha a shuidheachadh nas coltaiche ri seumarlan no fiù neach-gabhail. B' e cìobair à Loch Abar a bh' ann agus cha robh ceangal sam bith aige ri cinneadh. Ann an dòigh, b' e luchd-gabhail a bh' anns a' chuid mhòr de luchd-taic, ach b' e luchd-gabhail uasal a bh' annta aig am biodh grunn iar-luchd-gabhail a bhiodh ag àiteach na talmhainn. Nuair a rinn mòran luchd-gabhail eilthireachd a dh'Ameireaga mar thoradh air inbhe shòisealta nas ìsle a dhiùltadh, bhiodh iad glè thric a toirt leotha an iar-luchd-gabhail aca. A rèir coltais, cha robh iar-luchd-gabhail aig Camshron, dìreach caoraich. Bhiodh e an còmhnaidh a' cròdhadh a' chruidh agus nan each, dom biodh luchd-gabhail san nàbaidheachd a' toirt cead a bhith a' dol air seachran air an ionaltradh aige, agus ag iarraidh airgid airson an leigeil ma sgaoil.

Gu h-annasach, is e 27 den Iuchair 1792 an ceann-latha a th' air a' bharrantas seo, an latha a bha Clann Rois Shrath Rùsdail cruinn còmhla aig banais agus a chuir iad romhpa am bagairt a chur an gnìomh agus na caoraich fhuadach a-mach. Ceithir latha às dèidh sin thòisich timcheall air 400 duine a' sgiùrrsadh chaorach a-mach à cnuic na Gàidhealtachd, agus mu Dhisathairne an 6mh latha den Lùnastal bha còrr agus sia mìle beathach caorach aca air an rathad dhan Mhanachainn, ach bha an t-arm air an t-slighe agus ann an uairean moch na maidne thug iad an grèim grunn de na Rosaich, a bha fhathast a-muigh sa bheinn, agus cuideachd Iain Ros, Dòmhnall Rothach agus a mhic Uilleam agus Seòras, a bha air tilleadh dhachaigh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Barrantas Dealais an aghaidh Iain Rois, no Mac Dhàibhidh, d.6

1790an

pàipearan cùirte; clàran cùirte; Na Fuadaichean; peanasan

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records