Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Earrann Achd Barrantas Saoraidh air Urras, 22 Dàmhair 1827, d.4
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_9_45_Iv_04
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5780
KEYWORDS
pàipearan cùirte
clàran cùirte
taigh-staile
a' dèanamh uisge-beatha
Extract Act of Warrant of Liberation on Bail 22 October 1827, p4

Is e seo Earrann Achd Barrantas Saoraidh air Urras, fon cheann-latha 22 Dùbhlachd 1827 ann an Dùn Èideann, às leth Dhòmhnaill Chamshroin.

Chaidh Dòmhnall Camshron à Baile na Bruaiche, Cill Targhlain, a chur dhan phrìosan ann an Inbhir Nis air 25 Sultain 1827, fo chasaid gun do bhris e Achd a chaidh a chur an gnìomh ann an 1825 leis an tiotal "Achd a bhios an urra ann an Alba ri casg a chur air losgadh droch-rùnach agus air feuchainn ri urchraichean a leigeil à gunnaichean; sàthadh, gearradh, leòn, puinnseanachadh, guineachadh, cur à cruth agus a' ciorramachadh sluagh a Mhòrachd". Chaidh na h-oilbheuman sin a chomharrachadh mar phrìomh eucoirean a bha a' cosnadh binn bàis.

Anns an tachartas san robh Dòmhnall Camshron fo chasaid a bhith na lùib, bha Iain MacGilleNaoimh, Oifigear Cusbainn ann an Inbhir Nis, Cailean Caimbeul agus Uilleam Lee, Oifigearan Cusbainn anns an t-Srùigh, agus buidheann de luchd-cuideachaidh. Tha nàdar a' bhuidhinn a' ciallachadh gun robh dùil aca ri trioblaid agus fhuair iad sin aig Tomaich, ann am parraiste Chill Targhlain. Bha timcheall air deich duine fichead air an uidheamachadh le gunnaichean no buill-airm oilbheumach eile, a' bagairt air beatha nan oifigearan cusbainn agus an companaich agus a' tilgeil chlachan orra gus bacadh a chur orra bho an obair a dhèanamh. Tha e coltach gur e suidheachadh a bha seo a b' àbhaist a bhith fo urras a' bhàillidh ionadail, ach chaidh a' chùis seo a thoirt gun Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann a chionn 's gun robh an luchd-casaid "a' cùiltearachd ann an diofar uachdranasan". Bha am barantas ag òrdachadh gum feumtadh an toirt an grèim agus an cur dhan phrìosan ge 'r bith càite an lorgtadh iad ann an Alba.

B' e Dòmhnall Camshron aon de na fir a bha fo chasaid ach bha e a' dleasadh gu robh e "gu tur neoichiontach de na h-eucoirean sin", agus rinn e airrtas a leigeil ma sgaoil air urras. Bheachdaich Am Morair MacGillìosa, aon de Choimiseanairean Breithneachaidh nam Morairean, air an iarrtas air an 8 Dùbhlachd agus chuir e air adhart e gu Neach-tagraidh a Mhòrachd. Chaidh cead a thoirt agus chaidh urras a stèidheachadh aig £60 Sasannach. Cheadaich am Morair MacCoinnich, a chuir na barantasan breithneachaidh glacaidh air bhonn, agus an uair sin a cheadaich "barantas gu ... Bàillidhean Inbhir Nis agus luchd-gleidhidh an Tollbùth a leigeil ma Sgaoil."

Tha an fhòirneart an lùib an tachartais agus cruas a' pheanais a' taisbeanadh cho cudromach agus a bha cùis nan cìsean agus nan stailean mì-laghail aig an àm. Anns an àm suas gu Aonadh nam Pàrlamaidean, bha uisge-beatha a' gabhail àite an leanna mar an deoch choitcheann air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar, agus anns na 1790an bha stailean beaga ionadail a ghabhadh 30 galan cumanta. Bho 1793 ge-tà, chaidh reachdas a chur an gnìomh a thug cead do ach a chuir cìs air stailean beaga sa chiad àite, a thoirmisg a bhith a' reic toradh nan stailean Gàidhealach sa Ghalldachd, a rinn oidhirp air cuir às do chur an aghaidh chìsean, a rinn ceadachadh do stailean beaga nas doirbhe agus a mheudaich cumhachdan nan oifigearan cusbainn.

Dh'adhbhraich seo gu h-iomlan gun do ghluais obair an uisge bheatha air falbh bho a bhith na ghnìomhachas baile gu bhith stèidhte ann an taighean-staile, a bha na bu ghainne, na bu motha, na bu goireasaiche agus na b' fhasa smachd a chumail orra. Bha na ceuman sin rin cur an gnìomh gu daingeann. Bha na stailearan ionadail gu mòr an aghaidh nan atharraichean seo agus bha iad deònach a dhol ann an cunnart an cur gu bàs gus sabaid na aghaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Earrann Achd Barrantas Saoraidh air Urras, 22 Dàmhair 1827, d.4

pàipearan cùirte; clàran cùirte; taigh-staile; a' dèanamh uisge-beatha

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records