Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bann Rabhaidh bho Iain Seaghach agus feadhainn eile dha MacDhòmhnaill, 10 Sultain 1750, d.2
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_9_47III_02
DEIT
1750
LINN
1750an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5785
KEYWORDS
pàipearan cùirte
clàran cùirte
braighdeanas
Bond of Caution from John Shaw and others for McDonell, 10 September 1750, p2

Is e tagradh urrais a th' anns an sgrìobhainn seo dha Alasdair MacDhòmhnaill, Màiri NicDhòmhnaill agus Anna Nic Dhòmhnaill à Moneragy agus Màiri NicUalraig à Gleann Lèibhe. Tha iad fo chasaid 'gun tug iad ionnsaigh air feadhainn de dh'Fheachdan a Mhòrachd agus gun do shaor iad fear Iain Mac an Tòisich às an làmhan, a bha iad ag ràdh a chaidh a thoirt an grèim air èideadh ann an cuid den Èideadh Ghàidhealach' agus eucoirean eile. Ach, bha leisgeul làidir aig Mac Dhòmhnaill agus dh'iarr na caraidean an saoradh air urras.

Tha Aonghas MacDhòmhnailll, Fear Taic an t-Sìthein; Seumas Geadais, ceannaiche ann an Inbhir Nis; agus Iain Seaghach, 'sgrìobhaiche' ann an Inbhir Nis,a' gabhail os làimh an urras a phàigheadh. Tha an tagradh air a dhealbh le Iain Seaghach le a làmh-sgrìobhaidh fhèin, làmh-sgrìobhaidh Sheumas Geadais agus Aonghas MacDhòmhnaill air. Tha e inntinneach fhaicinn gu bheil duilgheadas aig Aonghas MacDhòmhnaill a' sgrìobhadh ainm. Aig an àm b' e suidheachadh le ùghdarras a bh' ann an suidheachadh Fear Taic ann an siostam nan cinnidhean. Aig deireadh nan 1700an, bha na Fir Taic am measg a' chiad fheadhainn a dh'fhàg a' Ghàidhealtachd gus imrich a dhèanamh dhan t-Saoghal Ùr. Bha sin an dà chuid na chomharra agus na adhbhar air briseadh sìos a' chomainn shòisealta dhualchasach air a' Ghàidhealtachd. Tha Iain Mac an Tàilleir agus Alasdair Mac na Clèirich, Fir Lagha, a' cur an ainm-sgrìobhaidh ris às leth iadsan a tha fo chasaid, oir chan eil comas sgrìobhaidh aca

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bann Rabhaidh bho Iain Seaghach agus feadhainn eile dha MacDhòmhnaill, 10 Sultain 1750, d.2

1750an

pàipearan cùirte; clàran cùirte; braighdeanas

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records

Is e tagradh urrais a th' anns an sgrìobhainn seo dha Alasdair MacDhòmhnaill, Màiri NicDhòmhnaill agus Anna Nic Dhòmhnaill à Moneragy agus Màiri NicUalraig à Gleann Lèibhe. Tha iad fo chasaid 'gun tug iad ionnsaigh air feadhainn de dh'Fheachdan a Mhòrachd agus gun do shaor iad fear Iain Mac an Tòisich às an làmhan, a bha iad ag ràdh a chaidh a thoirt an grèim air èideadh ann an cuid den Èideadh Ghàidhealach' agus eucoirean eile. Ach, bha leisgeul làidir aig Mac Dhòmhnaill agus dh'iarr na caraidean an saoradh air urras.<br /> <br /> Tha Aonghas MacDhòmhnailll, Fear Taic an t-Sìthein; Seumas Geadais, ceannaiche ann an Inbhir Nis; agus Iain Seaghach, 'sgrìobhaiche' ann an Inbhir Nis,a' gabhail os làimh an urras a phàigheadh. Tha an tagradh air a dhealbh le Iain Seaghach le a làmh-sgrìobhaidh fhèin, làmh-sgrìobhaidh Sheumas Geadais agus Aonghas MacDhòmhnaill air. Tha e inntinneach fhaicinn gu bheil duilgheadas aig Aonghas MacDhòmhnaill a' sgrìobhadh ainm. Aig an àm b' e suidheachadh le ùghdarras a bh' ann an suidheachadh Fear Taic ann an siostam nan cinnidhean. Aig deireadh nan 1700an, bha na Fir Taic am measg a' chiad fheadhainn a dh'fhàg a' Ghàidhealtachd gus imrich a dhèanamh dhan t-Saoghal Ùr. Bha sin an dà chuid na chomharra agus na adhbhar air briseadh sìos a' chomainn shòisealta dhualchasach air a' Ghàidhealtachd. Tha Iain Mac an Tàilleir agus Alasdair Mac na Clèirich, Fir Lagha, a' cur an ainm-sgrìobhaidh ris às leth iadsan a tha fo chasaid, oir chan eil comas sgrìobhaidh aca