Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tagradh agus Saoradh bho Alasdair MacDhòmhnaill gu Morair a' Cheartais, Mac na Clèirich, 10 Sultain 1750, d.2
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_9_47I_02
DEIT
1750
LINN
1750an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5791
KEYWORDS
pàipearan cùirte
clàran cùirte
braighdeanas
Petition and Deliverance from Alexander McDonell to Lord Justice Clerk, 10 September 1750, p2

Is e seo earrann à litir Tagraidh agus Saoraidh gun Làn Urramach Morairean a' Cheartais, Mac na Clèirich agus Minto, fon cheann-latha 10 Sultain 1750. Tha e co-cheangailte ri Alasdair MacDhòmhnaill, Màiri NicDhòmhnaill agus Anna NicDhòmhnaill à Moneragie agus Màiri NicUalraig à Gleann Lèibhe. Tha iad fo chasaid gun 'tug iad ionnsaigh air cuid de dh'Fheachdan a Mhòrachd agus gun do shaor iad fear Iain Mac an Tòisich às an làmhan, a bha iad ag ràdh a chaidh a thoirt an grèim air èideadh ann am pàirt den Èideadh Ghàidhealach' agus eucoirean eile.

Chaidh a' chasaid a thogail ann an 'Litrichean Sònraichte' air sgàth iarrtas bho Uilleam Grannd à Gràinnseach Bhaile nam Preas (air ainmeachadh ann an àiteachan eile mar 'Neach-tagraidh a Mhòrachd às leth Maitheas a Mhòrachd'). Thathar air innse dhaibhsan a tha fo chasaid nach eil a' chùirt aca gu bhith a' dol air adhart 'aig an Àm seo' agus bithear gan cumail airson ùine nas fhaide ann an Tollbooth Inbhir Nis. Tha seo, thathar ag argamaid, ag adhbhrachadh mòr chruadal dhaibh, a chionn 's nach eil sgillinn airgid aca agus ann am bitheantas gum feum iad a bhith ag iarraidh biadh air daoine. Tha iad ag agairt cuideachd gu bheil leisgeul làidir aig MacDhòmhnaill agus gun robh e ceàrr a chur an grèim. Mar sin dheth, tha iad ag iarraidh a' chùirt a chumail gun dàil no gun tèid an saoradh air urras

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tagradh agus Saoradh bho Alasdair MacDhòmhnaill gu Morair a' Cheartais, Mac na Clèirich, 10 Sultain 1750, d.2

1750an

pàipearan cùirte; clàran cùirte; braighdeanas

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records

Is e seo earrann à litir Tagraidh agus Saoraidh gun Làn Urramach Morairean a' Cheartais, Mac na Clèirich agus Minto, fon cheann-latha 10 Sultain 1750. Tha e co-cheangailte ri Alasdair MacDhòmhnaill, Màiri NicDhòmhnaill agus Anna NicDhòmhnaill à Moneragie agus Màiri NicUalraig à Gleann Lèibhe. Tha iad fo chasaid gun 'tug iad ionnsaigh air cuid de dh'Fheachdan a Mhòrachd agus gun do shaor iad fear Iain Mac an Tòisich às an làmhan, a bha iad ag ràdh a chaidh a thoirt an grèim air èideadh ann am pàirt den Èideadh Ghàidhealach' agus eucoirean eile.<br /> <br /> Chaidh a' chasaid a thogail ann an 'Litrichean Sònraichte' air sgàth iarrtas bho Uilleam Grannd à Gràinnseach Bhaile nam Preas (air ainmeachadh ann an àiteachan eile mar 'Neach-tagraidh a Mhòrachd às leth Maitheas a Mhòrachd'). Thathar air innse dhaibhsan a tha fo chasaid nach eil a' chùirt aca gu bhith a' dol air adhart 'aig an Àm seo' agus bithear gan cumail airson ùine nas fhaide ann an Tollbooth Inbhir Nis. Tha seo, thathar ag argamaid, ag adhbhrachadh mòr chruadal dhaibh, a chionn 's nach eil sgillinn airgid aca agus ann am bitheantas gum feum iad a bhith ag iarraidh biadh air daoine. Tha iad ag agairt cuideachd gu bheil leisgeul làidir aig MacDhòmhnaill agus gun robh e ceàrr a chur an grèim. Mar sin dheth, tha iad ag iarraidh a' chùirt a chumail gun dàil no gun tèid an saoradh air urras