Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Binn Fuadaich airson ruaig a chur air caoraich, 1792
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_11_38_01
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5807
KEYWORDS
lagh 's òrdugh
ciont
peanasan
eucoirich
binn
fuadach
Na Fuadaichean
Sentence of Banishment for driving away sheep, 1792

Tha am pàipear seo a' buntainn ri còmhstri nan caorach ann an Siorrachd Rois ann an 1792, 'Bliadhna nan Caorach'.
Tha e a' cur binn air sianar fhear a fhuaradh ciontach air a bhith a' cur ruaig air caoraich bhon fhearann air an robh iad. Thèid Uisdean Breck MacCoinnich agus Iain Aird am fuadach airson seachd bliadhna ' thairis air cuan do dhùthchannan mar a bhios an rìgh ag iarraidh'. Cha b'urrainn dhaibh tilleadh gu Breatainn taobh a-staigh nan seachd bhliadhna, a' tòiseachadh bhon latha a dh'fhàg iad 's nam biodh iad air an lorg san dùthaich rachadh an cur gu bàs. Bha Calum Ros (no MacRaibeart) gu bhith a' faighinn càin £50 agus a' dol dhan phrìosan airson mìos. Bha Alasdair MacAoidh 's Dòmhnall Rothach (no Ruadh) gu bhith air am fuadach à Alba airson a' chòrr dhem beatha. Bha Uilleam Coinigean gu bhith air a chumail anns a' phrìosan airson trì mìosan.

Bha an luchd-aimhreit a' dol an aghaidh maoir sa Ghàidhealtachd a bha a' tòiseachadh air tighinn gu co-dhùnadh gun robh caoraich air tuathanasan mòra fada na bu phrothaidiche dhaibh na bhith a' leigeil a-mach an fhearainn aca air mhàl ri tuathanaich fa leth

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Binn Fuadaich airson ruaig a chur air caoraich, 1792

1790an

lagh 's òrdugh; ciont; peanasan; eucoirich; binn; fuadach; Na Fuadaichean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records

Tha am pàipear seo a' buntainn ri còmhstri nan caorach ann an Siorrachd Rois ann an 1792, 'Bliadhna nan Caorach'.<br /> Tha e a' cur binn air sianar fhear a fhuaradh ciontach air a bhith a' cur ruaig air caoraich bhon fhearann air an robh iad. Thèid Uisdean Breck MacCoinnich agus Iain Aird am fuadach airson seachd bliadhna ' thairis air cuan do dhùthchannan mar a bhios an rìgh ag iarraidh'. Cha b'urrainn dhaibh tilleadh gu Breatainn taobh a-staigh nan seachd bhliadhna, a' tòiseachadh bhon latha a dh'fhàg iad 's nam biodh iad air an lorg san dùthaich rachadh an cur gu bàs. Bha Calum Ros (no MacRaibeart) gu bhith a' faighinn càin £50 agus a' dol dhan phrìosan airson mìos. Bha Alasdair MacAoidh 's Dòmhnall Rothach (no Ruadh) gu bhith air am fuadach à Alba airson a' chòrr dhem beatha. Bha Uilleam Coinigean gu bhith air a chumail anns a' phrìosan airson trì mìosan.<br /> <br /> Bha an luchd-aimhreit a' dol an aghaidh maoir sa Ghàidhealtachd a bha a' tòiseachadh air tighinn gu co-dhùnadh gun robh caoraich air tuathanasan mòra fada na bu phrothaidiche dhaibh na bhith a' leigeil a-mach an fhearainn aca air mhàl ri tuathanaich fa leth