Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Binn Fuadaich airson ruaig a chur air caoraich, 1792
EXTERNAL ID
Z_GB232_L_INV_HC_11_38_02
LINN
1790an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5808
KEYWORDS
lagh is ceartas
eucoirean
peanasachadh
eucoraich
binnean
Sentence of Banishment for driving away sheep, 1792

Anns an sgrìobhainn seo, gheibhear a' bhinn a fhuair sianar a chaidh a chur nan leth gun do dh'iomain iad caoraich air falbh bhon fhearann air an robh iad. B'e an sianar Ùistean Breac MacCoinnich, Iain na h-Àirde, Calum Ros (air an robh MacRoib cuideachd), Dòmhall (Ruadh) Rothach, Alastair MacAoidh agus Uilleam Coinneagan.
B'e a' bhinn a fhuair Ùistean Breac MacCoinnich agus Iain na h-Àirde gun d'rachadh an cur a-null thairis fad seachd bliadhna 'thar a' chuain gu rogha dhùthchannan...an Rìgh'. Chaidh casg a chur orra tighinn air ais a Bhreatann fad nan seachd bllaidhna, a' tòiseachadh bhon là a dh'fhàg iad, agus nan d'rachadh an lorg san rìoghachd rachadh an cur gu bàs.
Chaidh cìi de £50 a ghearradh air Calum Ros (MacRoib) agus bha e gu bhith ga ghleidheadh sa phrìosan fad mìos. Rachadh Alastair MacAoidh agus Dòmhnall (Ruadh) Rothach a chur air fògradh bho Albainn an còrr dem beatha.
Bha Uilleam Coinneagan gu bhith air a ghleidheadh sa phrìosan fad trì mìosan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Binn Fuadaich airson ruaig a chur air caoraich, 1792

1790an

lagh is ceartas; eucoirean; peanasachadh; eucoraich; binnean

Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd

Inverness County Sheriff Court Records

Anns an sgrìobhainn seo, gheibhear a' bhinn a fhuair sianar a chaidh a chur nan leth gun do dh'iomain iad caoraich air falbh bhon fhearann air an robh iad. B'e an sianar Ùistean Breac MacCoinnich, Iain na h-Àirde, Calum Ros (air an robh MacRoib cuideachd), Dòmhall (Ruadh) Rothach, Alastair MacAoidh agus Uilleam Coinneagan.<br /> B'e a' bhinn a fhuair Ùistean Breac MacCoinnich agus Iain na h-Àirde gun d'rachadh an cur a-null thairis fad seachd bliadhna 'thar a' chuain gu rogha dhùthchannan...an Rìgh'. Chaidh casg a chur orra tighinn air ais a Bhreatann fad nan seachd bllaidhna, a' tòiseachadh bhon là a dh'fhàg iad, agus nan d'rachadh an lorg san rìoghachd rachadh an cur gu bàs.<br /> Chaidh cìi de £50 a ghearradh air Calum Ros (MacRoib) agus bha e gu bhith ga ghleidheadh sa phrìosan fad mìos. Rachadh Alastair MacAoidh agus Dòmhnall (Ruadh) Rothach a chur air fògradh bho Albainn an còrr dem beatha.<br /> Bha Uilleam Coinneagan gu bhith air a ghleidheadh sa phrìosan fad trì mìosan