Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beachd-chomhairlean a thaobh na buinnich mhòir
EXTERNAL ID
Z_GB232_PA_IB_M_72_01
DEIT
6 An t-Sultain 1832
LINN
1830an
CRUTHADAIR
Inverness Board of Health
NEACH-FIOSRACHAIDH
Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
5815
KEYWORDS
a' bhuinneach-mhòr
galaran
galar
Bòrd Slàinte Inbhir Nis
bòrd slàinte
ospadalan
ospadal Dhunbar
Hints Respecting Cholera

Beachd-chomhairlean a thaobh na buinnich mhòir, le stiùiridhean a dh'fhaodaist a leantainn gu sàbhailte nuair nach fhaighear cobhair mheidigeach sa bhad.

Air a chur mun cuairt an asgaidh le Bòrd Slàinte Inbhir Nis, Inbhir Nis, 6mh An t-Sultain, 1832.

Thòisich galar na buinnich-mhòir sna h-Innseachan ann an 1829. Chan fhacas an galar eagalach seo san iar roimhe seo. Cha robh fios dè dh'abhbharaich e. Cha deach an ceangal eadar a' bhuinneach-mhòr agus uisge truaillte ri òl fhaighinn a-mach gu 1854.

Sgaoil an galar gu luath thar Àisia agus An Ruis. Ràinig e ceann an ear-thuath Shasainn air soithichean à puirt a' Bhaltaig. Chaidh a ghliùlan gu tuath le bàtaichean-iasgaich anns an t-samhradh 1832, a' creachadh nam bailtean beaga air oithir an ear na Gàidhealtachd.

Ràinig e Inbhir Nis mu dheireadh aig deireadh an Lùnastail. Bha ullachadh an sàs mu thràth. Bha airgead air a thogail airson nam bochd a chuideachadh agus bha ospadal Dhunbar ann an Sràid na h-Eaglaise deiseil airson euslaintich a ghabhail.

Dh'fhoillsich Bòrd na Slàinte 'Hints Regarding Cholera' ('Beachd-chomhailrean a thaobh a' Bhuinnich-mhòir'). Tha an sgrìobhainn seo a' toirt comhairle air daithead, slàinteachas agus eacarsaich. Tha e a' cur cudrom air a bhith ag aithneachadh agus a' dèiligeadh ri na ciad chomharran. Thathas a' toirt tuairisgeul air adhartas aithghearr a' ghalair còmhla ri dòighean làimhseachaidh agus cungaidhean leighis. Tha e a' cur cudrom air cobhair mheidigeach fhaighinn cho luath 's a ghabhas agus tha e ag ràdh gum bi 'Medical Gentlemen' ('Daoin'-uasal Meidigeach') an làthair a latha agus a dh'oidhche aig an ospadal.

Ro dheireadh an Dàmhair bha an galar air a chùrsa a ruith. Chaidh iomradh a thoirt air 556 euslainteach ann an Inbhir Nis agus dhuibh sin bhàsaich 176

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beachd-chomhairlean a thaobh na buinnich mhòir

1830an

a' bhuinneach-mhòr; galaran; galar; Bòrd Slàinte Inbhir Nis; bòrd slàinte; ospadalan; ospadal Dhunbar