Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Freeburn
EXTERNAL ID
BOX2_FREEBURNHOTEL
ÀITE
Tom Aitinn
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
583
KEYWORDS
taighean-òsta
taighean-seinnse
aibhnichean
abhainnean
aibhntean
taighean-staile
Freeburn Hotel

Taigh-òsta Freeburn, Tom Aitinn, faisg air Inbhir Nis. 'S e eadar-theangachadh on Ghàidhlig 'Allt na Frìthe' a tha ann am 'Freeburn', agus 's e an t-allt a tha na bhun-uisge do Thaigh-staile Thom Aitinn. Bhiodh aoighean an taigh-òsta ag iasgach airson bradan is breac ann an Uisge Eireann. Sguir an togalach a bhith na thaigh-òsta ann an 1967 nuair a reiceadh e ris an Tarbat Estate Development Company. Reiceadh a-rithist e ann an 1972 ris a' Mhorair Elphinstone. Chaidh a tharraing do ar n-aire o chionn ghoirid gur e Seòras Wood, caraid fad beatha don Mhorair Elphinstone, a bha na aon cho-phàirtiche stiùiridh aig an taigh-òsta.

Ann an Cunntas-sluaigh na h-Alba 1901 bha Seòras MacLeòid r. 8.1.1855 agus a bhean Màiri Frances (nee NicFhearghais) r. 1854 a' ruith Taigh-òsta Freeburn. B' iad Seòras agus Màiri pàrantan MhicFhearghais MhicLeòid, às an Taigh-òsta Balnagowan Arms; loisg sin gu làr, agus chaidh e a dh'fhuireach an uair sin aig Taigh Àrd Gaoithe le bhean, Mina, far an do chaochail e ann an 1969 aig aois 89. B' e Seòras MacLeòid bràthair Raibeirt MhicLeòid r. 1846, a ruith Taigh-òsta Bhaile Mac Ara, Loch Aillse.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Freeburn

INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais

taighean-òsta; taighean-seinnse; aibhnichean; abhainnean; aibhntean; taighean-staile

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son