Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile an t-Sratha agus an Oifis a' Phuist
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_579
ÀITE
An Srath
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5839
KEYWORDS
taighean
oifisean puist
Strath Village and Post Office

’S e baile croitearachd suidhichte ann an Ros an Iar a th’ anns An t-Srath. ’S e aon de ghrunnan choimhearsnachdan beaga air cladach Loch Geàrrloch a th’ ann agus ‘s ann an ìre mhath o chionn ghoirid a chaidh Geàrrloch a thoirt orra còmhla.

Aig àm nam Fuadaichean chaidh na daoine a ghluasad bho na glinn a-staigh air an tìr gus àite a dhèanamh dha caoraich. Chaidh an tuineachadh air an oirthir. Aig An t-Srath thug fadhlainn talamh còmhnard dhaibh airson tuathanachas bith-beò a bhathas a’ dèanamh còmhla ri iasgach, gu h-àraidh iasgach an truisg. Bhiodh gach croitear a’ fàs cainb airson a chleachdadh airson lìn agus loidhnichean. Thàinig An t-Srath gu bhith na ionad malairt le bùthan, muileann agus gàradh togail bhàtaichean. Fiù ’s an-diugh tha barrachd air aon dreuchd aig an luchd-còmhnidh sa chumantas.
An-diugh tha taighean-òsta agus taighean-seinnse, taighean fèin-frithealaidh agus pàircean charabhanaichean ann. Tha an sgìre air leth tarraingeach do luchd-coiseachd chnuic agus luchd-amhairc fiadh-bheatha.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile an t-Sratha agus an Oifis a' Phuist

ROS: Geàrrloch

taighean; oifisean puist

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection