Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leac-uaghach John Henry Dixon
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_589
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5858
KEYWORDS
clachan uaghach
cladhan
Gravestone for John Henry Dixon

Leac-uaghach John Henry Dixon.

Rugadh John Henry Dixon ann an Wakefield, Yorkshire, ann an 1838 agus na dhuine òg lean e athair a-steach gu dreuchd san lagh. Na iomradh-bàis (Ross-shire Journal, 29 Dàmhair 1926) ì gun tàinig air 'a country life' a lorg air sgàth a shlàinte. An dèidh dha tadhal air Siorrachd Rois ann an 1868, thàinig e a dh'fhuireach ann an Gearrloch, ann an 1874, ann an an Inbhirean, Loch Ma-Ruibhe, far an robh ceann-taighe, nighean-frithealaidh, fear-charbad, geamair-ghille agus pìobaire pearsanta ag obair dha. Bha e trang an sàs ann am beatha na coimhearsnachd, na Neach-chlèire na Sgìre air Comataidh na Sgìre. Tha na paipearan-naidheachd sgìreil a' bruidhinn air mar a thug e taic do na h-ealain agus do phàrtaidhean teatha gach bliadhna do chlann na sgoile.

Ann an 1886 dh'fhoillsich Dixon leabhar a tha fhathast air a mheas na mhodail de na bu chòir a bhith ann an eachdraidh paraiste: 'Gairloch: its records, traditions, inhabitants and natural history'. Tha e follaiseach gur ann à rannsachadh agus à eolas farsaing na sgìre a thàinig an leabhar agus tha e gu sònraichte luachmhor san dòigh a tha e a' tarraing ri chèile iomadach fios sgìreil. Chaidh a chlo-bhualadh às-ùr san sgìre ann an 1974.

Shiubhail Dixon thall thairis eadar 1899 is 1902 mus do ghluais e a Bhaile Chloichrigh. Ann an sin a-rithist chuir e ùidh mhòr ann an eachdraidh agus gnothaichean na sgìre, a' cur air bhonn Comann nam Fir Òga agus club nan raidhfeil. Choisinn e an Swastika Thanks Badge cliùiteach de dh'òr airson obair le comann nan Scouts agus aig àm a bhàis 's e am maighstir Scouts a b' aosta ann am Breatann.

Shiubhail Dixon timcheall an t-saoghail dà uair rinn e sealgaireachd an Eilean Bhancùbhair agus chuir e seachad ùine ann an Iapan, àite air an robh e na eòlaiche agus na neach-cruinneachaidh ealain. Na iomradh-bàis (Perthshire Advertiser, 23 Dàmhair 1926) thuirt iad gur e 'a gentleman of wide culture and fine, genial personality...held in the highest esteem by all classes of the community' a bh' ann.

(Ìomhaigh - Cruinneachadh Prìobhaideach)

Gus èisteachd ri earrainnean de dh'obair an ùghdair seo, cliog air na ceanglaichean claistinn air an làimh dheis. Airson tar-sgrìobhadh slàn, cliog air a' cheangal gu h-ìosal.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leac-uaghach John Henry Dixon

clachan uaghach; cladhan;

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection