Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cathair Eaglais na Cananaich
EXTERNAL ID
BOX3_CATHEDRALFORTROSE_AT
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
587
KEYWORDS
cathair-eaglaisean
Ath-Leasachadh
Coinneach Odhar
Fortrose Cathedral

Stèidhicheadh a' Chathair-eaglais leis an Easbaig Raibeart, anns an 13mh linn, as dèidh do dh' Easbaigean Rois gluasad an seo bho Ros Maircnidh. Sguir an togail rè Cogannan na Saorsa ach thòisich e a-rithist aig deireadh a' 14mh linn. Mu thràth ann an droch staid as dèidh an Ath-leasachaidh, chaidh mòran dhen ghainmh-chloich dheirg a thoirt air falbh le arm Oliver Cromwell airson a cleachdadh san dùn aige ann an Inbhir Nis. Chleachd muinntir a' bhaile an còrr dhi airson nan taighean aca.

Anns na trannsaichean eaglais tha trì tuamaichean air chumadh bogha: Oighrig, Ban-iarla Rois, a phòs Alasdair Stiùbhart, Madadh Bhàideanach, an aghaidh a toil; an t-Easbaig Raibeart Chairncross a bhàsaich ann an 1545; agus an t-Easbaig Iain Friseal a bhàsaich ann an 1507. Tha mòran chlàir mhormoir anns a' Chathair-eaglais, nan cuimhneachain air teaghlach Mhic Coinnich Shìophoirt agus tha càrn-cuimhne ann a thogadh mu 1800 don Ridire Alasdair Mac Coinnich às a' Chaol.

B' ann sa Chathair-eaglais a bha a' chùirt lagha aig Coinneach Odhar Fi

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cathair Eaglais na Cananaich

ROS: Ros Mhaircnidh

2000an

cathair-eaglaisean; Ath-Leasachadh; Coinneach Odhar

Am Baile

Stèidhicheadh a' Chathair-eaglais leis an Easbaig Raibeart, anns an 13mh linn, as dèidh do dh' Easbaigean Rois gluasad an seo bho Ros Maircnidh. Sguir an togail rè Cogannan na Saorsa ach thòisich e a-rithist aig deireadh a' 14mh linn. Mu thràth ann an droch staid as dèidh an Ath-leasachaidh, chaidh mòran dhen ghainmh-chloich dheirg a thoirt air falbh le arm Oliver Cromwell airson a cleachdadh san dùn aige ann an Inbhir Nis. Chleachd muinntir a' bhaile an còrr dhi airson nan taighean aca. <br /> <br /> Anns na trannsaichean eaglais tha trì tuamaichean air chumadh bogha: Oighrig, Ban-iarla Rois, a phòs Alasdair Stiùbhart, Madadh Bhàideanach, an aghaidh a toil; an t-Easbaig Raibeart Chairncross a bhàsaich ann an 1545; agus an t-Easbaig Iain Friseal a bhàsaich ann an 1507. Tha mòran chlàir mhormoir anns a' Chathair-eaglais, nan cuimhneachain air teaghlach Mhic Coinnich Shìophoirt agus tha càrn-cuimhne ann a thogadh mu 1800 don Ridire Alasdair Mac Coinnich às a' Chaol.<br /> <br /> B' ann sa Chathair-eaglais a bha a' chùirt lagha aig Coinneach Odhar Fi