Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bad a' Chròtha, Geàrrloch
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_608
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5881
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach
calannan
Badachro, Gairloch

Sealladh air baile agus deagh acarsaid Bhàgh Bad a' Chròtha. Chithear iomadh bàta air acair sa bhàgh.

'S e baile beag iasgaich iomallach a th' ann am Bad a' Chròtha, a tha na laighe trì cilemeatairean gu deas air Geàrrloch, air bruaichean Loch Bad a' Chròtha. 'S e deagh acarsaid a th' ann agus mar sin 's e baile iasgaich gu math trang a bh' ann fada san naoidheamh linn deug agus tràth san fhicheadamh linn. Bhiodh trosg air a thoirt gu tìr sa bhaile agus ga thiormachadh aig na stèiseanan ciùraidh aig Eilean Thorasdail agus Eilean Tioram.

'S fhada bho chrìon gnìomhachas iasgach an truisg, ach tha giomaich, crùbagan agus muasgain-chaola fhathast air an cur gu tìr sa bhaile, air an rathad gu margaidhean gu deas no san Roinn Eòrpa. Tha an deagh acarsaid cuideachd a' tàladh bhàtaichean spòrs.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bad a' Chròtha, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

gnìomhachas an iasgaich; iasgach; calannan

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection