Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chananaich agus Linne Mhoireibh
EXTERNAL ID
BOX3_FORTROSEFROMNE
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
589
KEYWORDS
cathair-eaglaisean
sgoiltean
cidheachan
rathaidean-iarainn
stèiseanan reothaidean-iarainn
Tòmas Telford
Fortrose and the Moray Firth

Tha a' Chathair-eaglais a' toirt bàrr air an t-sealladh-tìre agus air tràth eachdraidh na Cananaich (an toiseach dom b'ainm Cananaich Rois, seach gur ann le canain na Cathair-eaglais, a bha cuideachd a' fuireach ann, a bha e).

Stèidhicheadh a' Chathair-eaglais leis an Easbaig Raibeart, anns an 13mh linn, as dèidh do dh' Easbaigean Rois gluasad an seo bho Ros Maircnidh. Sguir an togail rè Cogannan na Saorsa ach thòisich e a-rithist aig deireadh a' 14mh linn. Mu thràth ann an droch staid as dèidh an Ath-leasachaidh, chaidh mòran dhen ghainmh-chloich dheirg a thoirt air falbh le arm Oilbhreis Crombail airson a cleachdadh san dùn aige ann an Inbhir Nis. Chleachd muinntir a' bhaile an còrr dhi airson an taighean. Chan eil air fhàgail ach an trannsa-eaglais a deas agus naomh-chiste Taigh nan Caibideil.

Ann an 1455, thug Seumas I roinn de shochairean baile malairt Rois Mhaircnidh dhan Chananaich. Ann an 1590 fhuair e fhèin inbhe mar Bhaile Malairt Rìoghail.

Chaidh Acadamaidh na Cananaich a stèidheachadh ann an 1791, le clasaichean air an cumail ann an Taigh nan Caibideil agus Taigh Shìophoirt. Ghluais i chun na làraich far am bheil i an-dràsta ann an 1890.

Thogadh an cidhe gainmh-chloich a ghabhas obrachadh a rèir an làin, le Tòmas Telford ann an 1817. Dh'fhosgail loidhne Rathaidean-iarainn na Gàidhealtachd eadar am Blàr Dubh agus a' Chananaich air a' 1 dhen Ghearran 1894, le stèiseanan eadar-mheadhanach aig a' Chaisteal Dhearg, Alan, Bun Lòchaidh agus Abhach. Dhùin an loidhne do luchd-siubhail air a' 1 dhen Damhair 1951 agus do bhathar air an 13 dhen Ògmhìos 1960. Tha an drochaid tomhais fhathast sa Chananaich ged a tha an còrr dhen stèisean a-nis na phàirc chàraichean

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chananaich agus Linne Mhoireibh

ROS: Ros Mhaircnidh

cathair-eaglaisean; sgoiltean; cidheachan; rathaidean-iarainn; stèiseanan reothaidean-iarainn; Tòmas Telford

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son