Ùrachadh mu Dheireadh 11/04/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cromba
EXTERNAL ID
BOX3_VILLAGE
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
594
KEYWORDS
Crombagh
taighean-solais
acarsaidean
bàtaichean
malairt
gnìomhachas an èisg
Tòmas Urchardan
Urchardan
baile-malairt Rìoghail
Seòras Ros
gnìomhachas
factaraidhean
Eaglais Ghàidhlig
Uisdean Miller
Anndra Carnegie
An Cogadh Mòr
An Dara Cogadh
Cromarty

Tha an sealladh seo thairis air Cromba, a' coimhead gu Tuath, a' sealltainn taighean-dùthchail an latha an-diugh ri aghaidh na deilbh agus an t-àite a tha a-nis na Thalla Choimhearsnachd agus raon-cluiche air an làimh chlì. Chithear crainn agus siùil bhàtaichean anns an acarsaid, agus chithear cuideachd an taigh-solais, a chaidh a thogail ann an 1846.

Tha Cromba air an rubha a Tuath den Eilean Dubh. 'S e am baile seo cathair an teaghlaich Urchardain. B' e an Ridire Tòmas Urchardan (1611 - c.1660) a' chiad dhuine a dh'eadar-theangaich obair an sgrìobhadair Frangach, Rabelais, dhan Bheurla. 'S e port cudthromach a bh' anns a' bhaile agus fhuair e inbhe Baile-malairt Rìoghail tràth anns an treas linn deug, ach mar a chrìon malairt thàinig seo gus a bhith ro chosgail a chumail suas.

Ann an 1772 cheannaich Seòras Ros à Baile Cheiridh am baile agus thòisich esan ga ath-leasachadh. Thog e acarsaid ùr, factaraidhean ùra, an Eaglais Ghàidhlig agus Taigh Cùirt Chrombaidh. Ach mar a bha ceangalaichean air an rathad agus air an rèile tron Ghàidhealtachd air an leasachadh, dh'fhuiling gnìomhachas an èisg agus lùghdaich àireamh-sluaigh a' bhaile.

Cuideachd, 's e Cromba àite-breith Ùisdein Mhic a' Mhuilleir (1802-1856), an talamh-eòlaiche, clachair, fear-naidheachd agus fear beul-aithris. An-diugh 's e taigh-tasgaidh a tha na thaigh-dùthchail, a tha a' dol air ais gu 1711, agus 's ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha e. Tha leabharlann aig a' bhaile a chaidh a thoirt dhaibh mar thiodhlac bho Anndra Carnegie.

'S e gearasdan nèibhi cudthromach a bh'anns a' bhaile aig àm a' Chogaidh Mhòir agus aig àm an Dara Cogaidh, agus tha na dìdeanan a bha dìon nan cladaichean nan seasamh gu math làidir chun an latha an-diugh.

Tha iad den bheachd gur e Cromba fear de na bailtean air a' Ghàidhealtachd as fheàrr a mhair bhon ochdamh linn deug

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cromba

ROS: Crombaidh

1950an

Crombagh; taighean-solais; acarsaidean; bàtaichean; malairt; gnìomhachas an èisg; Tòmas Urchardan; Urchardan; baile-malairt Rìoghail; Seòras Ros; gnìomhachas; factaraidhean; Eaglais Ghàidhlig; Uisdean Miller; Anndra Carnegie; An Cogadh Mòr; An Dara Cogadh

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Jimmy Nairn & Son