Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' buain feamainn, Camas Ghruinneard
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_750A
ÀITE
Camas Ghruinneard
SGÌRE
Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
5964
KEYWORDS
ceilp
cruinneachadh ceilp
Gathering Seaweed, Gruinard Bay

Dealbh camara de charaid a' buain feamainn ann an Camas Ghruinneard, faisg air Loch Bhraoin Bheag. Chaidh a' chàraid aithneachadh mar Dhòmhnall agus Mairead Rothach à Doire nam Muc.

Tha feamainn air a bhith a-riamh na stòras luachmhor don fheadhainn a bha a' fuireach faisg air a' mhuir. Bha feamainn dhonn ga cleachdadh a-riamh mar thodhar air an talamh. Tha an fheamainn sin làn de photasaidheam is naitridsean,'s mar sin tha iad gu h-àraid feumail air talamh a tha gann de photasaidheam. Nuair a thigeadh feamainn a-staigh ann an stoirmean a' gheamhraidh, le glè bheag de lobhadh, cha b' fhada gus am biodh i air a cladhadh a-steach dhan talamh . Bhiodh coirce, cruithneachd, eòrna, buntàta is càl an uair sin air an cur san talamh sin. Tha croitearan sna h-Eileanan an Iar fhathast ag obair le feamainn san dòigh seo, ged a tha biadh-talmhainn deasaichte o fheamainn ann cuideachd.

'S e dòigh eile air an fheamainn a chur gu feum a bhith a' cladhach shlocan agus an fheamainn a sgaoileadh a-mach gus a lobhadh sna tiùrran ùire ri an taobh. An ceann trì seachdainnean bhiodh na tiùrran de thalamh is de dh' fheamainn gan tionndadh a-steach do na slocan le cas-chrom,seòrsa de chrann coise. Nuair a bhiodh an sìol no na lusan air an cur, cha bhiodh obair sam bith tuilleadh ann bhon a bhiodh an fheamainn a' dèanamh na bha dhìth de bhiadhadh. 'S e feannagan an t-ainm a thug iad air an dòigh obrach. Tha e furasta gu leòr làrach nan slocan seo fhaicinn air na h-eileanan agus an costa an iar na h-Alba.

'S ann sna 600an AD a tha a' chiad chlàradh de chleachdadh na feamad air a' Ghàidhealtachd. Ann am pìos bàrdachd a chuir iad ri Colm Cille tha iomradh air manaich Eilein Ì a' cruinneachadh duileasg bho na creagan. Chaidh duileasg ithe tric le min-choirc ann am brot tiugh air neo bhiodh e air a thoirt seachad na thruinnsear fhèin air a ghoil le ìm. Bha e cuideachd air a chleachdadh ann an diofar leigheasan.

'S e carraigean gnè eile de dh' fheamainn a tha fhathast air a chur gu feum. Tha seòrsa dheth a tha tioram is geal a ghabhas ceannach gus slaman a dhèanamh. Tha brìgh carraigein air a chleachdadh mar thigheadair ann an diofar bhiadhan, leigheas meadaigeach, bannan-lighiche agus biadh sprèidhe. 'S dòcha gun do mhothaich na ciad thuathanaich gun robh an crodh ag ionaltradh gu toilichte air oirean na tràghad agus gun do chleachd na daoine an stòras pailt seo gus barrachd fodair a chumail ris na beathaichean.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' buain feamainn, Camas Ghruinneard

ceilp; cruinneachadh ceilp

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection