Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir Dhìomhair. Ceumannan Earalais do Fhreiceadain-2
EXTERNAL ID
Z_GB1741_D592_5_28
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
14 An t-Sultain 1940
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn Ghallaibh
AITHNEACHADH MAOINE
6050
KEYWORDS
freiceadan na dùthcha
ionnsaigh
dòighean obrach
dara cogadh
an cogadh ann am Breatainn
an cogadh aig baile
Secret Letter:Precautionary Measures for Guards-2

Litir Dhìomhair: Ceumannan Earalais do Fhreiceadain is Luchd-faire.

Litir gu buill Freiceadan na Dùthcha, a' Ghàidhealtachd a Tuath, le fiosrachadh mu bhith fo ionnsaigh bho na Gearmailtich. Bha e coltach gum biodh èideadh feachdan Bhreatainn air na Gearmailtich agus gum biodh pàipearan aithneachaidh iomchaidh aca. Bha am fiosrachadh seo stèidhichte air an ionnsaigh Gearmailteach air an Òlaind far an do chleachd na Gearmailtich an aon chleas.

Mar thoradh air seo, dh'ionnsaich na freiceadain is an luchd-faire mu dhòighean gus Gearmailtich aithneachadh agus chaidh na dòighean seo a chur an gnìomh gu teann. Bhiodh na freiceadain is luchd-faire den bheachd gur e nàmhaid a bhiodh anns a h-uile duine a thigeadh faisg orra gus an rachadh an caochladh a dhearbhadh.

Mar deuchainn air daoine fo amharas, tha liosta ann de dh'fhaclan a tha doirbh do Ghearmailtich aig a bheil Beurla a ràdh.

Liosta de dh'fhaclan a dh'fhaodadh a bhith doirbh do Ghearmailtich fhuaimneachadh:
"North Sea, Wretch, Throat, Soothe, Buckie, Rats, Clothes, Rothes, Those, Wrong, Trough, Through"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir Dhìomhair. Ceumannan Earalais do Fhreiceadain-2

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1940an

freiceadan na dùthcha; ionnsaigh; dòighean obrach; dara cogadh; an cogadh ann am Breatainn; an cogadh aig baile

Ionad Tasglainn Ghallaibh

Home Guard/Civil Defence papers