Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
S.S. "Claymore" aig Cidhe an Allt Bheithe
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_849
ÀITE
An t-Allt Beithe
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
6111
KEYWORDS
soithichean
aiseagan
bàtaichean
Mac a' Bhriuthainn
SS "Claymore" at Pier, Aultbea

Sealladh air an S.S. Claymore, ceangailte aig an Allt Bheithe, baile beag iasgaich faisg air Loch Iùbh.

B' e an S.S. Claymore a' chiad soitheach a chaidh a choimiseanadh le Daibhidh Mac a' Bhriuthainn. Chaidh a cur air bhog ann an 1881 agus 726 tunna a chuideam innte, bàta a bha brèagha agus annasach, chanadh iad. Chaidh an Claymore a chleachdadh fad na bliadhna, mar shoitheach cunbhalach, mar bu trice air slighe Ghlaschu - Steòrnabhagh taobh Gheàrrloch, Poll Iùbh, Allt Beithe agus Loch an Inbhir.

Às dèidh 1918 chaidh a cur gu luchdan a ghiùlan air slighe an Eilein Sgitheanaich gu tir-mòr, ach bhiodh i cuideachd a' dèanamh cuairtean luchd-siubhail a sheas 10 latha. Ghabh i àite an t-Sheila greis nuair a ghrunnaich am bàta sin air tìr ann an 1927, ach fada ann an 1929, bha Mac a' Bhriuthainn den bheachd gun tarraingeadh iad às an seann bhàta-flaga den chabhlach chunbhalach aca.

Chaidh sin a chur air ais bliadhna agus chaidh planaichean a dhèanamh airson an Claymore a dhèanamh na taigh-òsta air bhog. Ach cha tàinig seo gu buil agus chaidh am bàta a reic ann an 1931 air pris £75 airson briseadh.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

S.S. "Claymore" aig Cidhe an Allt Bheithe

ROS: Geàrrloch

soithichean; aiseagan; bàtaichean; Mac a' Bhriuthainn

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection