Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leac Mhailm, Loch Bhraoin
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_856
ÀITE
Leac Mhailm
SGÌRE
Loch Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Bhraoin
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
6125
KEYWORDS
lochan
Leckmelm, Loch Broom

Dealbh camara glè thràth de Leac Mhailm air bruaichean Loch Bhraoin. Tha iomradh air an sgìre seo cho tràth ri 1586 nuair a chaidh Cath Leac Mailm a chur eadar Clann Ghuinne air aon taobh, agus Clann Shutharlanach, Clann 'IcAoidh agus Clann 'IcLeòid air an taobh eile. Tha cunntas den bhatal air a thoirt seachad san leabhar aig Raibeart MacAoidh, 'History of the House and Clan of Mackay' (1829).

Chaidh Oighreachd Leac Mailm a cheannach ann an 1879 le Mgr A C Pirie, fear-dèanamh pàipeir à Obar Dheathain. 'S e a' chiad rud a rinn e nuair a fhuair e an oighreachd, sanas a thoirt don h-uile neach-màil (23 teaghlaichean agus barrachd air 100 duine annta) gu robh e fhèin a' gabhail seilbh air an fhearann gu lèir, an dà chuid talamh àiteachaidh agus talamh ionaltraidh. Bha sin a' toirt air falbh caithe-beatha luchd na tuatha agus dh'fheumadh cuid de theaghlaichean gluasad gu taobh eile Loch Bhraoin far nach robh an talamh idir furasta àiteach, agus b' fheudar dha feadhainn eile eilthireachd a dhèanamh. Lorgar cunntas dhen tachartas seo ann an 'The History of the Highland Clearances' (1883) le Alasdair MacCoinnich.

'S e an taigh ann am meadhan an deilbh 'Tìr Àluinn'. Uaireigin 's e sia taighean luchd-obrach a thog Mgr Pirie a bh' ann. 'S e 'the barracks' a bh' aig muinntir na sgìre air. Chaidh am mullach a leudachadh thairis air na taighean gu lèir a-rithist, ach am biodh aon taigh mòr ann, agus chaidh seo a dhèanamh na thaigh-òsta ann an 1958. 'S e dachaigh phrìobhaideach a th' ann an Tìr Àluinn an-diugh.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leac Mhailm, Loch Bhraoin

ROS: Loch Bhraoin

lochan

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection