Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Boireannach agus dithis chloinne a' seasamh taobh a-muigh Thaigh Raibeirt Dick
EXTERNAL ID
CAITHHORZ_CAIMS_PHO025
ÀITE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caithness Horizons
AITHNEACHADH MAOINE
620
KEYWORDS
taighean
luibh-eòlaichean
clach-eòlaichean
A woman and two children standing outside Robert Dick's House

Dealbh-camara de bhoireannach agus dithis chloinne nan seasamh taobh a-muigh Taigh Raibeirt Dick an Inbhir Theòrsa.

Bha Raibeart Dick (Faoilleach 1811 gu 24 Dùbhlachd 1866) na chlach-eòlaiche is luibh-eòlaiche Albannach a rugadh an Tullach Bòide an Siorrachd Chlach Mhanainn. Ann an 1830 lean e athair a bha air a chur a dh'Inbhir Theòrsa agus dh'fhosgail e taigh-fuine an sin. Agus ag obair gu dìcheallach a' dèanamh bith-beò mar bhèicear, chùm e air a' trusadh lusan agus a' sgrùdadh gnè chlachan ceann a tuath na h-Alba. Bhiodh e a' sgrìobhadh am measg nan luibh-eòlaichean agus nan clach-eòlaichean a b' iomraitiche a bh' ann - a bhiodh cuideachd a' tadhal air - agus bha e na dhlùth charaid don chlach-eòlaiche Ùisdean Miller.

An dèidh a bhàis an 1866, thogadh liagan mar chuimhneachan dha an Cladh Inbhir Theòrsa, a' comharrachadh a bheatha agus an obair aige.

Na laighe air cost' a' Chaoil Arcaich ann am fasgadh Bhàigh Inbhir Theòrsa, is e Inbhir Theòrsa am baile as fhaide tuath air tìr-mòr na h-Alba. 'S fhada bhon chaidh baile Inbhir Theòrsa a stèidheachadh agus e ann rè àm nan Lochlannach nuair a bha e na bhaile cudromach aca agus fear dhe na prìomh phuirt air tìr-mòr na h-Alba

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Caithness Horizons

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Boireannach agus dithis chloinne a' seasamh taobh a-muigh Thaigh Raibeirt Dick

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

taighean; luibh-eòlaichean; clach-eòlaichean