Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dualchainnt Muinntir an Iasgaich ann an Cromba
EXTERNAL ID
AB_CROMARTY_DIALECT_BOOKLET
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2008
LINN
2000an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
621
KEYWORDS
Cromarty booklet
cànan sgìreil
cànainean Albannach
briathrachas
faclairean
leabhranan
muinntir an iasgaich
The Cromarty Fisherfolk Dialect

'S e faclair làn fhacail is abairtean a chaidh an cleachdadh sna làithean a dh'fhalbh, gu h-àraid le muinntir an iasgaich ann an Cromba san Eilean Dubh, a tha san leabhran air Dualchainnt Muinntir an Iasgaich ann an Cromba. 'S e toradh de rannsachadh a tha seo air an do thòisich sgioba 'Am Baile' na Comhairle ann an 2007, nuair a sgaoil iad iarrtas poblach a' feuchainn ri muinntir an àite a lorg aig an robh blasad den dualchainnt sgìreil ainneamh seo. 'S e bha fainear dhaibh gun glèidheadh iad an dualchainnt phrìseil Albannach seo le bhith a' dèanamh chlàran-fuama agus a' sgaoileadh fios tro làrach-lìn 'Am Baile'.

Chuir grunnan de mhuinntir Chrombaigh, feadhainn aig an taigh is feadhainn thall thairis, fios don sgioba. Bha na bràithrean Bobby is Gòrdan Hogg gu h-àraid cuideachail agus 's e toiseach tòiseachaidh air leth math a bh' ann nuair a chaidh clàradh a dhèanamh de chòmhradh eatorra. Chuidich bean Bobby, Helen, nach maireann, agus cuideachd Mgr Clem Watson, le stuth prìseil airson an leabhrain, chan ann a-mhàin an dualchainnt ach cuideachd le eachdraidh luchd an iasgaich sa bhaile.

A-bharrachd air facail sgrìobhte o dhualchainnt Chrombaigh, anns an leabhran tarraingeach seo de 40 duilleagan tha cuid ìomhaighean eachdraidheil agus dealbhan-camara de làithean a dh'fhalbh ann an Cromba, a ghabhas fhaicinn air làrach-lìn 'Am Baile'. Tha fios cuideachd san leabhran air gnathasan cainnt mun aimsir, on bhìoball, sgeulachdan is gnathasan sgìreil agus boillsgeagan eile air dualchainnt iasgairean Chrombaigh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dualchainnt Muinntir an Iasgaich ann an Cromba

ROS: Crombaidh

2000an

Cromarty booklet; cànan sgìreil; cànainean Albannach; briathrachas; faclairean; leabhranan; muinntir an iasgaich

Am Baile

'S e faclair làn fhacail is abairtean a chaidh an cleachdadh sna làithean a dh'fhalbh, gu h-àraid le muinntir an iasgaich ann an Cromba san Eilean Dubh, a tha san leabhran air Dualchainnt Muinntir an Iasgaich ann an Cromba. 'S e toradh de rannsachadh a tha seo air an do thòisich sgioba 'Am Baile' na Comhairle ann an 2007, nuair a sgaoil iad iarrtas poblach a' feuchainn ri muinntir an àite a lorg aig an robh blasad den dualchainnt sgìreil ainneamh seo. 'S e bha fainear dhaibh gun glèidheadh iad an dualchainnt phrìseil Albannach seo le bhith a' dèanamh chlàran-fuama agus a' sgaoileadh fios tro làrach-lìn 'Am Baile'.<br /> <br /> Chuir grunnan de mhuinntir Chrombaigh, feadhainn aig an taigh is feadhainn thall thairis, fios don sgioba. Bha na bràithrean Bobby is Gòrdan Hogg gu h-àraid cuideachail agus 's e toiseach tòiseachaidh air leth math a bh' ann nuair a chaidh clàradh a dhèanamh de chòmhradh eatorra. Chuidich bean Bobby, Helen, nach maireann, agus cuideachd Mgr Clem Watson, le stuth prìseil airson an leabhrain, chan ann a-mhàin an dualchainnt ach cuideachd le eachdraidh luchd an iasgaich sa bhaile. <br /> <br /> A-bharrachd air facail sgrìobhte o dhualchainnt Chrombaigh, anns an leabhran tarraingeach seo de 40 duilleagan tha cuid ìomhaighean eachdraidheil agus dealbhan-camara de làithean a dh'fhalbh ann an Cromba, a ghabhas fhaicinn air làrach-lìn 'Am Baile'. Tha fios cuideachd san leabhran air gnathasan cainnt mun aimsir, on bhìoball, sgeulachdan is gnathasan sgìreil agus boillsgeagan eile air dualchainnt iasgairean Chrombaigh.