Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Colonel Donald Walter Cameron of Lochiel (1876-1951), 25th Chief of Clan Cameron
EXTERNAL ID
GB232_CL_B_LETTER_000
LINN
1930an; 1940an
CRUTHADAIR
Andrew Paterson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglainn Loch Abar
AITHNEACHADH MAOINE
626
KEYWORDS
clan chiefs
biographies
Colonel Donald Walter Cameron of Lochiel (1876-1951), 25th Chief of Clan Cameron

Fhuair an Còirneal Dòmhnall Ualtar Camshron Loch Iall (1876-1951), 25mh Ceannard Chlann Chamshroin, fhoghlam ann an Harrow agus aig Colaiste Armachail Sandhurst. Chaidh a cheangal an uairsin do na Grenadier Guards, agus còmhla riutha bha e a' sabaid ann an Dara Cogadh nam Boer ann an Afraga a Deas ann an 1899 agus cuideachd ann an 1901-02, far an deach a leòn gu dona ann am Blàr Bhelmont ann an 1902. Nuair a bhàsaich athair ann an 1905, 's e Dòmhnall a bha an uair sin am 25mh Ceannard aig Clann Chamshroin agus chaidh e na bhall de Chomhairle Siorrachd Inbhir Nis. An 1906, phòs e an Leadaidh Hermione Emily Ghreumach (1882-1978), an dara nighean aig Diùc Mhontròis, ris am bheil na litrichean seo uile air an sgrìobhadh. Leig e dheth a dhreuchd san arm an uair sin agus chaidh iad a dh'fhuireach air Oighreachd Loch Iall ann an Ach' na Cairidh.

Nuair a thòisich an Ciad Cogadh ann an 1914, dh'iarr Morar Kitchener air Camshron batàlian ùr de Ghàidheil Chamshroin a thogail airson an airm, a' chuid as motha dhiubh às a' Ghàidhealtachd. 'S ann on àm seo air adhart a tha an cruinneachadh seo de litrichean.

Ann an ionnsaigh ainmeil ann am Blàr Loos ann an 1915 (nuair a tha an t-sreath seo de litrichean a' criochnachadh), 's e a bha an ceann nan saighdearan aige san ionnsaigh, ach chaidh a bhràthair, Ailean Camshron a mharbhadh ann. Às dèidh sin chaidh a chur dhachaigh 's e air a leòn agus chaidh an C.M.G. a bhuileachadh air airson a sheirbheisean. Thill e dhan Fhraing an ceann Loisgeadairean-amais Bheachdairean Mhic Shimidh, na 'Lovat Scout Sharpshooters', gu ruig deireadh a' Chogaidh. Nuair a sguir an t-sabaid, ghabh e air a-rithist comannd den 3s Bhatàlian de Ghàidheil Chamshroin. Às dèidh a' Chogaidh rinn e seirbheis na bhall de Chomataidh Thaigh-tasgaidh Cogaidh Nàiseanta na h-Alba, agus ann an 1920 rinneadh e na Aide-de-Camp do Rìgh Deòrsa V.

Ann an 1934 rinneadh e na Ridire a' Chluarain, agus, ceithir bliadhna às dèidh sin ann an 1938, chuir e fàilte gu Achadh na Cairidh air luchd-feadhna Chamshroin bho air feadh an t-saoghail airson a' chiad Chruinneachadh Eadar-nàiseanta Chlainn Chamshroin. An ath bhliadhna a-rithist chaidh a chur na dhreuchd mar Mhorair-ionaid a' Chrùin do Shiorrachd Inbhir Nis. San Dàrna Cogadh, 's e bha an ceann a' Gheàrd Dhùthchail, a' Home Guard, san t-siorrachd, agus o 1942 gu 1945 ghluais e a-mach à Ach' na Cairidh, ga chur a-null do luchd-armailteach Bhreatainn ach an dèanadh 25,000 saighdear treanadh commando an sin. Bhàsaich e ann an 1951 agus chaidh a thiodhlacadh ann an Achadh na Cairidh.

Chaidh an dealbh a thogail le Andrew Paterson.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Colonel Donald Walter Cameron of Lochiel (1876-1951), 25th Chief of Clan Cameron

1930an; 1940an

clan chiefs; biographies

Tasglainn Loch Abar

The World War One Letters of Colonel Donald Cameron of Lochiel