Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bad a' Chròtha agus Bàgh Bhad a' Chròtha, 1957
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_962
ÀITE
Bad a' Chròtha
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
DEIT
1957
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
6269
KEYWORDS
bàtaichean
bailtean beaga
gnìomhachas an iasgaich
ciùradh
sailleadh
iasg
Badachro and Badachro Bay, 1957

Dealbh-camara de bhaile beag iasgaich Bhad a' Chròtha, air a thogail ann an 1957. Tha na bàtaichean-iasgaich 'Constance' agus 'Maighdean Bhàn' rim faicinn air an ceangal air an tràigh.

Tha baile beag Bad a' Chròtha na laighe gu dòigheil air sàilean de Loch Geàrrloch ann an Ros an iar. Le fasgadh o iomadh eilean, tha am bàgh na dheagh acarsaid shàbhailte do bhàtaichean iasgaich is iachtan.

Aig deireadh an naoidheamh linn deug, 's e baile iasgaich trang a bh' ann am Bad a' Chròtha. Bhiodh iasg, gu h-àraid trosg, air a thoirt gu tìr an seo agus ann an Geàrrloch, agus chaidh a thiormachadh ann am Bad a' Chròtha. Bha dà stèisean-ciùraidh ann - fear dhiubh air Eilean Thorasdail agus am fear eile air Eilean Tioram. Tha giomaich, crùbagan is musgain-chaola fhathast air an cur gu tìr an seo agus air an cur gu na margaidhean ann an Alba a deas, ann an Sasainn agus cuideachd nas fhaide air falbh san Roinn Eòrpa.

Tha an t-ionad sàmhach, iomallach seo a' còrdadh ri daoine air an saor-làithean, a bhios a' tighinn ann ach am faic iad na seallaidhean brèagha.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bad a' Chròtha agus Bàgh Bhad a' Chròtha, 1957

ROS: Geàrrloch

1950an

bàtaichean; bailtean beaga; gnìomhachas an iasgaich; ciùradh; sailleadh; iasg

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection