Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tuathanas na h-Àirde faisg air Bad a' Chròtha, 1957
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_963
ÀITE
Bad a' Chròtha
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
DEIT
1957
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
6272
KEYWORDS
tuathanasan
oirthir
iasgach
bàghan
Aird Farm near Badachro, 1957

Dealbh-camara, air a thogail ann an 1957, a' coimhead thairis air Loch Geàrrloch gu na h-achaidhean air an treabhadh air Tuathanas na h-Àirde ann am Bad a' Chròtha.

Tha baile beag Bad a' Chròtha na laighe gu dòigheil air sàilean de Loch Geàrrloch ann an Ros an iar. Le fasgadh o iomadh eilean, tha am bàgh na dheagh acarsaid shàbhailte do bhàtaichean iasgaich is iachtan.

Aig deireadh an naoidheamh linn deug, 's e baile iasgaich trang a bh' ann am Bad a' Chròtha. Bhiodh iasg, gu h-àraid trosg, air a thoirt gu tìr an seo agus ann an Geàrrloch, agus chaidh a thiormachadh ann am Bad a' Chròtha. Bha dà stèisean-ciùraidh ann - fear dhiubh air Eilean Thorasdail agus am fear eile air Eilean Tioram. Tha giomaich, crùbagan is musgain-chaola fhathast air an cur gu tìr an seo agus air an cur gu na margaidhean ann an Alba a deas, ann an Sasainn agus cuideachd nas fhaide air falbh san Roinn Eòrpa.

Tha an t-ionad sàmhach, iomallach seo a' còrdadh ri daoine air an saor-làithean, a bhios a' tighinn ann ach am faic iad na seallaidhean brèagha.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tuathanas na h-Àirde faisg air Bad a' Chròtha, 1957

ROS: Geàrrloch

1950an

tuathanasan; oirthir; iasgach; bàghan

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection