Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cidhe Gheàrrloch, 1959
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_969
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
DEIT
1959
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
6280
KEYWORDS
cidhichean
cidheachan
calannan
laimrig
Gairloch Pier ,1959

Dealbh-camara de chidhe Gheàrrloch, air a thogail ann an 1959. Gabhaidh iasgair fhaicinn sa bheulaibh, 's e a' ceangal suas bàt'-iasgaich beag.

'S e coimhearsnachd iasgaich is croitearachd air cost an iar-thuath na Gàidhealtachd a th' ann an Geàrrloch, an loch goirid, a thug ainm don bhaile cuideachd. Tha am baile ri oir Bàgh 'Flowerdale', Bàgh a' Bhaile Mhòir, mar a chanas iad sa Ghàidhlig, a tha agus a bha na shàilean fasgach far an lorgadh acarsaid shàbhailte do bhàtaichean.

Bha uaireigin grunn bhailtean beaga sgapte ann an Geàrrloch, oir ro thogail an rathaid, an A832, ann an 1843, 's ann bhon mhuir a gheibheadh tu a bu luaithe ann. Aon uair 's gun deach 'fosgladh suas' a dhèanamh air, thàinig mòran luchd-turais Bhictorianach ann a' lorg an 'Highland sublime'. Thàinig mòran dhiubh dhan sgìre ann an cas-cheuman na Banrigh Bhictòria a rinn turas rìoghail ann ann an 1877 fhad 's a bha i a' fuireach ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cidhe Gheàrrloch, 1959

ROS: Geàrrloch

1950an

cidhichean; cidheachan; calannan; laimrig

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection