Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dail a' Bhaile Mhòir bho Oifis a' Phuist, Geàrrloch
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_1002
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gairloch Heritage Museum
AITHNEACHADH MAOINE
6286
KEYWORDS
seallaidhean-tìre
glinn
Flowerdale from the Post Office, Gairloch

Sealladh de Dhail a' Bhaile Mhòir bho Oifis a' Phuist ann an Geàrrloch. 'S ann sa ghleann àlainn seo, beagan on mhuir agus o chala Gheàrrloch aig Baile Theàrlaich, a tha dachaigh muinntir MhicCoinnich à Geàrrloch, Taigh 'Flowerdale'.

Tha rathad agus drochaid nas ùire a' dol seachad air an drochaid a chithear san dealbh-chamara seo, agus tha an taigh air an taobh thall an-diugh na thaigh-seinnse. Tha cuairt coise às an seo a' dol seachad air Taigh Flowerdale agus air adhart tron ghleann, a tha pailt ann am planntais is fiadh-bheathaichean, agus suas Abhainn Ghlas gu ruig eas.

'S e Tigh Dìge no 'Moat House' a bh' air an taigh tùsail ann an Geàrrloch. Bha e ann an lagan shìos fon aitreabh a th' ann an-diugh agus bha dìg agus drochaid-thogail aige.

Thogadh an taigh a th' ann an-diugh ann an 1738 airson Sir Alasdair MacCoinnich agus b' e a' chiad togalach san sgìre air an robh mullach sglèat. Chaidh an uair sin an t-ainm Tigh Dìg nan Gorm Leac a thoirt air, le coltas nan sglèatan gorma. Chaidh a leudachadh ann an 1904 le Anndra Maitland & Mic.

Ann an 1745 thug caiptein soithich 'man-of-war', a bha a' lorg a' Phrionnsa Theàrlaich, cuireadh don uachdaran tighinn air bòrd. Thùirt an t-uachdaran nach tigeadh e, a chionn 's gun robh e fhèin agus na h-aoighean aige ag ithe air mullach creag àrd, Creag a' Chait, air cùl Taigh Dìge, ach dh'iarr e air a' chaiptean a thighinn ann còmhla riutha. B' e freagairt a' chaiptein sreath de bhàllaichean-canain a losgadh air an taigh, fear dhiubh a chaidh an sàs ann an gèibil an taighe. Chaidh Friseal à Foithir, 's e a' teiche às dèidh Chùil Lodair, a chumail am falach greis ann an cùil dhìomhair san taigh.

San t-Sultain 1921, 's ann ann an Taigh Flowerdale a bha am Prìomhaire, Daibhidh Lloyd George, a' fuireach nuair a chuala e gun robh Èirinn air an Rìgh 's an Ìompaireachd a dhiùltadh. Ghairm e an Caibineat gu Inbhir Nis, a' chiad turas riamh a choinnich e taobh a-muigh Lunnainn.

Ann an 1922, sgrìobh Osgood MacCoinnich (1842-1922), fear de shiochd Eachainn, gun robh luchd-turais air a ràdh, nuair a chunnaic iad na bh' ann de fhlùraichean ann an Gleann a' Bhaile Mhòir gum b' e Flowerdale bu chòir a bhith air , ach cha robh air an taigh ach Tigh Dìge, agus Am Baile Mòr air an àite fhad 's a bha e beò.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dail a' Bhaile Mhòir bho Oifis a' Phuist, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

seallaidhean-tìre; glinn

Gairloch Heritage Museum

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection