Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag an Dòrnaidh
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_1026
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Tàile
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
6330
KEYWORDS
bàtaichean
aiseagan
cidheachan
The Dornie Ferry

Dealbh-camara le Iain MacRath a' dol thairis air an aiseag na chàr.

Tha baile an Dòrnaidh na shuidhe an ceann Loch Long is Loch Dubhthaich, agus chaidh a dhealbhadh 's a shuidheachadh an toiseach ann an 1794 le Comann Iasgaireachd Bhreatainn, mar stèisean iasgaich .

Bha ceangal eadar an Dòrnaidh agus Loch Aillse air an aiseag a bha a' seòladh gu Àird Eilbh. Bha aiseag an Dòrnaidh no aiseag na h-Àirde a' dol chan ann a-mhàin gu Dòrnaidh ach cuideachd thar Loch Dubhthaich gu ruig Tobhtaig, co-dhiù gu ruig toiseach na ficheadamh linn. Sa bhliadhna mu dheireadh a bha e ag obair bha e a' ruith bho 8m gu 8f a h-uile là, Là na Sàbaid agus Saor-làithean a' Bhanca cuideachd.

Chaidh drochaid a thogail, an àite an aiseig, thar Loch Long on Dòrnaidh gu Àird Eilbh agus dh'fhosgail i mar dhrochaid-cìse air 30mh Giblean 1940. Chaidh na cìsean a stad ann an 1946 agus chaidh drochaid na b' ùire a thogail ann ann an 1990.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag an Dòrnaidh

ROS: Cinn Tàile

bàtaichean; aiseagan; cidheachan

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection