Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Baile Mòr (Flowerdale), Geàrrloch
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_1115
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
6438
KEYWORDS
Clann 'IcCoinnich
beanntan
glinn
taighean mòra
taighean
cnuic
Flowerdale, Gairloch

Sealladh bho gu h-àrd air Dail a' Bhaile Mhòir, Geàrrloch, ann an Ros an Iar.

'S ann sa ghleann àlainn seo, beagan on mhuir agus o chala Gheàrrloch aig Baile Theàrlaich, a tha dachaigh muinntir MhicCoinnich à Geàrrloch, Taigh 'Flowerdale'.

Tha rathad agus drochaid nas ùire a' dol seachad air an t-seann drochaid a chithear san dealbh-chamara seo, agus tha an taigh air an taobh thall an-diugh na thaigh-seinnse. Tha cuairt coise às an seo a' dol seachad air Taigh Flowerdale agus air adhart tron ghleann, a tha pailt ann am planntais is fiadh-bheathaichean, agus suas Abhainn Ghlas gu ruig eas.

Bha an-còmhnaidh aimhreit ann eadar clann 'IcLeòid is clann 'IcChoinnich. Tha sgeulachd ann gun robh uaireigin bìrlinn MhicLeòid a' tighinn a-steach don bhàgh shìos fo thaigh MhicCoinnich. Chaidh am fear-faire air a' bhàta, a bha shuas sa chrann, a mharbhadh le fear-saighead on taigh - astar leth-mhìle.

'S e Tigh Dìge no 'Moat House' a bh' air a' chiad taigh aca. Bha e ann an lagan shìos fon aitreabh a th' ann an-diugh agus bha dìg agus drochaid-thogail aige.

Thogadh an taigh a th' ann an-diugh ann an 1738 airson Sir Alasdair MacCoinnich agus b' e a' chiad togalach san sgìre air an robh mullach sglèat. Chaidh an uair sin an t-ainm Tigh Dìg nan Gorm Leac a chur air, le coltas nan sglèatan gorma. Chaidh a leudachadh ann an 1904 le Anndra Maitland & Mic.

Ann an 1745 thug caiptein soithich 'man-of-war', a bha a' lorg a' Phrionnsa Theàrlaich, cuireadh don uachdaran tighinn air bòrd. Thùirt an t-uachdaran nach tigeadh e, a chionn 's gun robh e fhèin agus aoighean aige ag ithe air mullach creag àrd, Creag a' Chait, air cùl Taigh Dìge, ach dh'iarr e air a' chaiptean a thighinn ann còmhla riutha. B' e freagairt a' chaiptein sreath de bhàllaichean-canain a losgadh air an taigh, fear dhiubh a chaidh an sàs ann an gèibil an taighe.

Chaidh Friseal à Foithir, 's e a' teiche às dèidh Chùil Lodair, a chumail am falach greis ann an cùil dhìomhair san taigh.

San t-Sultain 1921, 's ann ann an Taigh Flowerdale a bha am Prìomhaire, Daibhidh Lloyd George, a' fuireach nuair a chuala e gun robh Èirinn air an Rìgh 's an Ìompaireachd a dhiùltadh. Ghairm e an Caibineat gu Inbhir Nis, a' chiad turas riamh a choinnich e taobh a-muigh Lunnainn.

Ann an 1922, sgrìobh Osgood MacCoinnich (1842-1922), gun robh luchd-turais air a ràdh, nuair a chunnaic iad na bh' ann de cha robh air ach Tigh Dìge, agus Am Baile Mòr air an àite.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Baile Mòr (Flowerdale), Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

Clann 'IcCoinnich; beanntan; glinn; taighean mòra; taighean; cnuic

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection