Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Gheàrrloch, Geàrrloch
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_1121
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
6447
KEYWORDS
cairtean-puist
taighean-òsta
lochan
tràighean
Anndra Maitland
Ros agus MacBheatha
gàrraidhean
taighean glainne
luchd-turais
Bhictòrianaich
A' Bhanrigh Bhictòria
uidheaman snàimh
Gairloch Hotel, Gairloch

Tha seo air aon de chòig seallaidhean bho litir-chairt de Gheàrrloch.

Tha Taigh-òsta Gheàrrloch air cladach Loch Gheàrrloch, dìreach tarsainn an rathaid bhon tràigh, le seallaidhean iongantach a-null dhan Eilean Sgitheanach. Air latha soilleir chithear cuideachd Na Hearadh.

Chaidh an togalach drùidhteach seo air stoidhle Seumasach a dhealbhadh le Anndra Maitland 's chaidh a thogail ann an 1872. Chaidh a leudachadh ann an 1880 le Anndra Maitland 's a Mhac agus a-rithist ann an 1896 le Ros agus MacBheatha.

Nuair a chaidh a thogail an toiseach bha gàrraidhean agus taighean-gloinne aig an taigh-òsta anns an robh iomadh seòrsa glasraich, measan agus flùraichean a- fàs. Bha gach cofhurtachd aige airson an luchd-turais Bhictòrianaich thràth 's am measg sin uidheam-snàimh air an tràigh. Thàinig iad an tòir air èadhar slàinteachail agus cur-seachadan a-muigh 's iad air am brosnachadh leis a' Bhanrigh Bhictòria a bhith a' tadhal air a' Ghàidhealtachd. Thadhail a' Bhanrigh air Geàrrloch ann an 1877 nuair a dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a bha faisg air làimh.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Gheàrrloch, Geàrrloch

ROS: Geàrrloch

cairtean-puist; taighean-òsta; lochan; tràighean; Anndra Maitland; Ros agus MacBheatha; gàrraidhean; taighean glainne; luchd-turais; Bhictòrianaich; A' Bhanrigh Bhictòria; uidheaman snàimh

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection