Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann Loch Iùbh agus Loch Ma-Ruibhe, Siorrachd Rois
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_1131
ÀITE
Ceann Loch Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1900an; 1910an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
6475
KEYWORDS
cairtean-puist
beanntan
lochan
Naomh Maol Rubha
naoimh
eileanan
Kinlochewe and Loch Maree

Sa chairt-phuist seo tha sealladh air Ceann Loch Iùbh agus Loch Ma-Ruibhe ann an sgìre Shiorrachd Rois. Tha Loch Ma-Ruibhe (no Maol Ruibhe/Maol Rubha uaireigin) na loch le fìor uisge a tha dà mhìle dheug ann am faid, a' sìneadh o Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil a' chuid as motha den loch ach leth-mhìle de leud. Tha sin a' sgaoileadh gu faisg air mìle ann an àiteachan agus tha grùnn eileanan beaga ann.

Tha iad den bheachd gun tàinig ainm Loch Ma-Ruibhe on naomh Èireannach Maol Rubha a stèidhich manachainn sa Chomraich (no Abar Chrosan uaireigin) a tha faisg air làimh. Rinn Maol Rubha a dhachaigh às dèidh sin air fear de na h-eileanan san loch - Eilean Maol Ruibhe. Tha baile beag Cheann Loch Iùbh na laighe am measg sheallaidhean àlainn, le Tèarmann Nàdair Nàiseanta Bheinn Eighe gu deas agus leis a' bheinn Sleaghach gu tuath.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann Loch Iùbh agus Loch Ma-Ruibhe, Siorrachd Rois

ROS: Geàrrloch

1900an; 1910an

cairtean-puist; beanntan; lochan; Naomh Maol Rubha; naoimh; eileanan

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection