Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cidhe Gheàrrloch
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_1160
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
6502
KEYWORDS
sealladh na tìre
costaichean
cidheachan
Gairloch Pier

Chithear anns an dealbh seo sealladh thar baile àlainn Gheàrrloch a' coimhead a-null gu ceann a deas a' bhàigh bho thaobh deas Bàgh a' Bhaile Mhòir. Thàinig an t-ainm 'Gairloch', ainm baile air costa an iar-thuath Rois is Chrombaidh, bhon a' Ghàidhlig Geàrr Loch agus tha e air Bàgh a' Bhaile Mhòir ('Flowerdale Bay'), lùb seasgair a thathas, agus a bhathas roimhe, a' cleachdadh mar acarsaid chudromach air a' chost an iar airson bàtaichean-iasgaich is sgothan-seòlaidh.

B' e coimhearsnachd de chlachain bheaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mus deach an rathad a chur air dòigh ann an 1843 (an A832 an-diugh), cha mhòr gum faighist ann ach air taobh na mara dheth. Nuair a chaidh fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach do luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron sgìre..

Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctoria romhpa.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cidhe Gheàrrloch

ROS: Geàrrloch

sealladh na tìre; costaichean; cidheachan

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection