Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' moladh ais-ghairm Laghan a' Choirce
EXTERNAL ID
Z_GB1796_1999_116_437
DEIT
1846
LINN
1840an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
6504
KEYWORDS
riaghaltas
Celebrating the repeal of the Corn Laws

Chaidh Laghan a' Choirce an gairm ann an 1804, le pàrlamaid a bha gu mòr fo bhuaidh nithean talmhainn, airson cìs a chur air coirce a bha air a thoirt a-steach dhan dùthaich.

Le deireadh Cogaidhean Napoleon ann an 1815, thòisich malairt leis an Roinn Eòrpa a-rithist agus thuit prìsean a' choirce gu 65s 7d gach cairteal (ochd buisealan) bho phrìs àrd 126s 6d ann an 1812. Choitich uachdarain a' Phàrlamaid gus am prothaidean a dhìon agus chaidh lagh a ghairm a bha a' toirt cead do chruithneachd a bhith ga thoirt a-steach dhan dùthaich gun chìs, ach a-mhàin nuair a ruigeadh prìsean na dùthcha 80 tastan gach cairteal.

Fhad 's a bha an lagh seo ga ghairm, b' fheudar dhan Phàrlamaid a bhith air a dìon le feachdan armaichte, an aghaidh sluagh feargach nach robh air an dòigh mu bhith a' pàigheadh phrìsean àrda airson an arain. As dèidh ìsleachadh ann am malairt ann an 1839, agus sreath de dhroch fhogharan, thug barrachd feirg an aghaidh Laghan a' Choirce agus beachd an t-sluaigh orra an ais-ghairm. Ann an Taghadh Pàrlamaid 1841 thàinig Richard Cobden, a bha a' stiùireadh na h-Iomairt an Aghaidh Laghan a' Choirce, gu bhith na Bhall-Pàrlamaid airson Stockport. Ged a chum Cobden air a' siubhal air feadh na dùthcha le òraidean an aghaidh Laghan a' Choirce, bha e a-nis ann an suidheachadh far am b'urrainn dha a bhith a' sìor chuimhneachadh do Riaghaltas Bhreatainn gun robh feum air leasachadh. Le ìsleachadh eaconamach 1840-1842 thàinig barrachd bhall dhan Iomairt an Aghaidh Laghan a' Choirce agus bha seo a' ciallachadh gum b' urrainn do Chobden agus Iain Bright bruidhinn ri cruinnichidhean mòra air feadh na dùthcha.

Thug gaiseadh a' bhuntata an Eireann ann an 1845 agus a' ghoirt uabhasach a thàinig as a dhèidh air an Ridire Raibeart Peel agus an riaghaltas Tòraidheach ath-bheachdachadh air gliocas Laghan a' Choirce. Thàinig Poblachdaich Eireannach leithid Daniel O'Connell a-steach air an Iomairt cuideachd. Thugadh Peel o thaobh mu dheireadh agus san Fhaoilleach 1846 chaidh lagh ùr airson a' choirce a ghairm a bha a' lùghdachadh nan cìsean air coirce, eòrna agus cruithneachd gu ìre beag seagha de aon thastan gach cairteal

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' moladh ais-ghairm Laghan a' Choirce

1840an

riaghaltas

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

Joseph Cook Collection (notices)