Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir don Ghranndach bho Uilleam Friseal, 2 Lùnastal 1902, td 2
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_002_002
DEIT
1902
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6554
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
cuirmean-ciùil
Letter to Grant from William Fraser, 2 Aug 1902, page 2

Is ann à Battangorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942). 'S ann o ainm a'bhaile a thàinig far-ainm a'Ghranndaich - 'Battan'. Dh'ionnsaich e mun dà ùidh as motha a bhiodh aige na bheatha an tòiseach nuair a bha e na bhalach - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; mar iasgair-slaite chruthaich e slat-iasgaich air an robh an 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear, bha e na cheannard air Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach (Highland Strathspey and Reel Society) fad cha mhòr 40 bliadhna agus bha e cuideachd na eòlaiche air togail fhìdhlean. Chruthaich e an seòrsa fhìdhle air leth ann an cruth cruinn air a bheil 'Rondello'. Chithear eisimpleir de slat-iasgaich, fidheall agus Rondello a'Ghranndaich ann an Taigh Tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis.

Tha an litir seo, leis a'cheann-latha 2 Lùnastal 1902, bho Uilleam MacCoinnich Friseal, Rùnaire Urramach Comann Cinnidhean Albannach Lunnainn gu Alasdair Grannd. Is e cuspair na litreach cuirm-chiùil a bha air gabhail àite ann an Talla na Banrigh, Lunnainn, bho chionn ghoirid far an do chluich an Granndach. Chaidh Comann Cinnidhean Albannach Lunnainn a stèidheachadh ann an 1898 agus b'e fear de na prìomh obraichean aige a bhith a'cur chuirmean-ciùil agus cruinneachaidhean sòisealta air dòigh gus faireachdainn Albannach a bhrosnachadh am measg a bhallrachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir don Ghranndach bho Uilleam Friseal, 2 Lùnastal 1902, td 2

1900an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich; cuirmean-ciùil

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - miscellaneous letters

Is ann à Battangorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942). 'S ann o ainm a'bhaile a thàinig far-ainm a'Ghranndaich - 'Battan'. Dh'ionnsaich e mun dà ùidh as motha a bhiodh aige na bheatha an tòiseach nuair a bha e na bhalach - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; mar iasgair-slaite chruthaich e slat-iasgaich air an robh an 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear, bha e na cheannard air Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach (Highland Strathspey and Reel Society) fad cha mhòr 40 bliadhna agus bha e cuideachd na eòlaiche air togail fhìdhlean. Chruthaich e an seòrsa fhìdhle air leth ann an cruth cruinn air a bheil 'Rondello'. Chithear eisimpleir de slat-iasgaich, fidheall agus Rondello a'Ghranndaich ann an Taigh Tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis.<br /> <br /> Tha an litir seo, leis a'cheann-latha 2 Lùnastal 1902, bho Uilleam MacCoinnich Friseal, Rùnaire Urramach Comann Cinnidhean Albannach Lunnainn gu Alasdair Grannd. Is e cuspair na litreach cuirm-chiùil a bha air gabhail àite ann an Talla na Banrigh, Lunnainn, bho chionn ghoirid far an do chluich an Granndach. Chaidh Comann Cinnidhean Albannach Lunnainn a stèidheachadh ann an 1898 agus b'e fear de na prìomh obraichean aige a bhith a'cur chuirmean-ciùil agus cruinneachaidhean sòisealta air dòigh gus faireachdainn Albannach a bhrosnachadh am measg a bhallrachd