Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir don Ghranndach bho Sheòras Rose Wood, 5 Giblean 1931, td 1
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_006_001
DEIT
1931
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6567
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
litrichean
cuimhneachain
Letter to Grant from George Rose Wood, 5 April 1931, page 1

Is ann à Battangorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942). 'S ann o ainm a'bhaile a thàinig far-ainm a'Ghranndaich - 'Battan'. Dh'ionnsaich e mun dà ùidh as motha a bhiodh aige na bheatha an tòiseach nuair a bha e na bhalach - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; mar iasgair-slaite chruthaich e slat-iasgaich air an robh an 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear, bha e na cheannard air Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach (Highland Strathspey and Reel Society) fad cha mhòr 40 bliadhna agus bha e cuideachd na eòlaiche air togail fhìdhlean. Chruthaich e an seòrsa fhìdhle air leth ann an cruth cruinn air a bheil 'Rondello'. Chithear eisimpleir de slat-iasgaich, fidheall agus Rondello a'Ghranndaich ann an Taigh Tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis.

Chaidh an litir seo, leis a cheann-latha 5 Giblean 1931, a chur gu Grannd le fìdhlear is oide eile, Seòras Rose Wood à Bhonnington, Turlann, Siorrachd Obar Dheathain. Is e cuspair na litreach moladh gus clach-chuimhneachaidh a thogail mar chuimhneachan air Peadar Milne (1824 - 1908), fìdhlear gleusta à Siorrachd Obar Dheathain aig an robh cliù mar thoradh air a sgilean cluich is sgrìobhaidh. (Chaidh a'chlach-chuimhneachaidh seo a thogail ann an Cearnag Thurlann agus tha i fhathast ri fhaicinn ann an-diugh.)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir don Ghranndach bho Sheòras Rose Wood, 5 Giblean 1931, td 1

1930an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich; litrichean; cuimhneachain

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - miscellaneous letters

Is ann à Battangorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942). 'S ann o ainm a'bhaile a thàinig far-ainm a'Ghranndaich - 'Battan'. Dh'ionnsaich e mun dà ùidh as motha a bhiodh aige na bheatha an tòiseach nuair a bha e na bhalach - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; mar iasgair-slaite chruthaich e slat-iasgaich air an robh an 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear, bha e na cheannard air Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach (Highland Strathspey and Reel Society) fad cha mhòr 40 bliadhna agus bha e cuideachd na eòlaiche air togail fhìdhlean. Chruthaich e an seòrsa fhìdhle air leth ann an cruth cruinn air a bheil 'Rondello'. Chithear eisimpleir de slat-iasgaich, fidheall agus Rondello a'Ghranndaich ann an Taigh Tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis.<br /> <br /> Chaidh an litir seo, leis a cheann-latha 5 Giblean 1931, a chur gu Grannd le fìdhlear is oide eile, Seòras Rose Wood à Bhonnington, Turlann, Siorrachd Obar Dheathain. Is e cuspair na litreach moladh gus clach-chuimhneachaidh a thogail mar chuimhneachan air Peadar Milne (1824 - 1908), fìdhlear gleusta à Siorrachd Obar Dheathain aig an robh cliù mar thoradh air a sgilean cluich is sgrìobhaidh. (Chaidh a'chlach-chuimhneachaidh seo a thogail ann an Cearnag Thurlann agus tha i fhathast ri fhaicinn ann an-diugh.)