Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Grannd bho Anndra Mac an Tòisich, 4 Lùnastal 1904
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_007_001
DEIT
1904
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6572
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
litrichean
Letter to Grant from Andrew MacIntosh, 4 Aug 1904

Is ann à Battangorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942). 'S ann o ainm a'bhaile a thàinig far-ainm a'Ghranndaich - 'Battan'. Dh'ionnsaich e mun dà ùidh as motha a bhiodh aige na bheatha an tòiseach nuair a bha e na bhalach - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; mar iasgair-slaite chruthaich e slat-iasgaich air an robh an 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear, bha e na cheannard air Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach (Highland Strathspey and Reel Society) fad cha mhòr 40 bliadhna agus bha e cuideachd na eòlaiche air togail fhìdhlean. Chruthaich e an seòrsa fhìdhle air leth ann an cruth cruinn air a bheil 'Rondello'. Chithear eisimpleir de slat-iasgaich, fidheall agus Rondello a'Ghranndaich ann an Taigh Tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis.

Chaidh an litir seo, leis a'cheann-latha 4 Lùnastal 1904, a chur gu Grannd le Anndra Mac an Tòisich, 5 Barraid Thelford, Inbhir Nis. B'e Mgr Mac an Tòisich Rùnaire Urramach Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach. Tha e a'sgrìobhadh airson innse gun deach coinneamh a bha gu bhith ann a chur dheth. Tha Mgr Mac an Tòisich a'toirt iomradh air tinneas sùla a bh'air Mgr Grannd bho chionn goirid cuideachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Grannd bho Anndra Mac an Tòisich, 4 Lùnastal 1904

1900an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich; litrichean

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - miscellaneous letters

Is ann à Battangorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942). 'S ann o ainm a'bhaile a thàinig far-ainm a'Ghranndaich - 'Battan'. Dh'ionnsaich e mun dà ùidh as motha a bhiodh aige na bheatha an tòiseach nuair a bha e na bhalach - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; mar iasgair-slaite chruthaich e slat-iasgaich air an robh an 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear, bha e na cheannard air Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach (Highland Strathspey and Reel Society) fad cha mhòr 40 bliadhna agus bha e cuideachd na eòlaiche air togail fhìdhlean. Chruthaich e an seòrsa fhìdhle air leth ann an cruth cruinn air a bheil 'Rondello'. Chithear eisimpleir de slat-iasgaich, fidheall agus Rondello a'Ghranndaich ann an Taigh Tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis.<br /> <br /> Chaidh an litir seo, leis a'cheann-latha 4 Lùnastal 1904, a chur gu Grannd le Anndra Mac an Tòisich, 5 Barraid Thelford, Inbhir Nis. B'e Mgr Mac an Tòisich Rùnaire Urramach Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach. Tha e a'sgrìobhadh airson innse gun deach coinneamh a bha gu bhith ann a chur dheth. Tha Mgr Mac an Tòisich a'toirt iomradh air tinneas sùla a bh'air Mgr Grannd bho chionn goirid cuideachd