- TIOTAL
- Litir (dreach) bhon Ghranndach gu Mgr Robb
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_007_002
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6573
- KEYWORDS
- fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
 from Grant to Mr. Robb//.jpg)
Is ann à Battangorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942). 'S ann o ainm a'bhaile a thàinig far-ainm a'Ghranndaich - 'Battan'. Dh'ionnsaich e mun dà ùidh as motha a bhiodh aige na bheatha an tòiseach nuair a bha e na bhalach - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; mar iasgair-slaite chruthaich e slat-iasgaich air an robh an 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear, bha e na cheannard air Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach (Highland Strathspey and Reel Society) fad cha mhòr 40 bliadhna agus bha e cuideachd na eòlaiche air togail fhìdhlean. Chruthaich e an seòrsa fhìdhle air leth ann an cruth cruinn air a bheil 'Rondello'. Chithear eisimpleir de slat-iasgaich, fidheall agus Rondello a'Ghranndaich ann an Taigh Tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis.
Chaidh an litir seo, leis a'cheann-latha 4 Lùnastal 1904, a chur gu Grannd le Anndra Mac an Tòisich (Rùnaire Urramach Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach). Tha Grannd air cùl na litreach a chleachdadh gus dreach de litir a sgrìobhadh - litir do Mhgr Robb mu shiabadh ite-mhaghair