Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Grannd bho Uilleam MacCoinnich Friseal, 5 Màrt 1925, td 1
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_008_001
DEIT
1925
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6575
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
litrichean
strathspeys
Letter to Grant from W. M. Fraser, 5 March 1925, page 1

Is ann à Battangorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942). 'S ann o ainm a'bhaile a thàinig far-ainm a'Ghranndaich - 'Battan'. Dh'ionnsaich e mun dà ùidh as motha a bhiodh aige na bheatha an tòiseach nuair a bha e na bhalach - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; mar iasgair-slaite chruthaich e slat-iasgaich air an robh an 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear, bha e na cheannard air Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach (Highland Strathspey and Reel Society) fad cha mhòr 40 bliadhna agus bha e cuideachd na eòlaiche air togail fhìdhlean. Chruthaich e an seòrsa fhìdhle air leth ann an cruth cruinn air a bheil 'Rondello'. Chithear eisimpleir de slat-iasgaich, fidheall agus Rondello a'Ghranndaich ann an Taigh Tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis.

Chaidh an litir seo, leis a'cheann-latha 5 Lùnastal 1925, a chur gu Grannd le a charaid Uilleam MacCoinnich Friseal, a bha uair na Ionmhasair Urramach aig Comann Siorrachd Inbhir Nis Lunnainn. Tha MacCoinnich a'toirt dhùrachdan dha agus a'faighneachd mun adhartas leis an slat-iasgaich 'Grant Vibration Rod'. Tha e cuideachd a'gabhail naidheachd 'Righ nan Srath Spè' ('The Strathspey King'), Scott Skinner

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Grannd bho Uilleam MacCoinnich Friseal, 5 Màrt 1925, td 1

1920an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich; litrichean; strathspeys

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - miscellaneous letters

Is ann à Battangorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942). 'S ann o ainm a'bhaile a thàinig far-ainm a'Ghranndaich - 'Battan'. Dh'ionnsaich e mun dà ùidh as motha a bhiodh aige na bheatha an tòiseach nuair a bha e na bhalach - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; mar iasgair-slaite chruthaich e slat-iasgaich air an robh an 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear, bha e na cheannard air Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach (Highland Strathspey and Reel Society) fad cha mhòr 40 bliadhna agus bha e cuideachd na eòlaiche air togail fhìdhlean. Chruthaich e an seòrsa fhìdhle air leth ann an cruth cruinn air a bheil 'Rondello'. Chithear eisimpleir de slat-iasgaich, fidheall agus Rondello a'Ghranndaich ann an Taigh Tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis.<br /> <br /> Chaidh an litir seo, leis a'cheann-latha 5 Lùnastal 1925, a chur gu Grannd le a charaid Uilleam MacCoinnich Friseal, a bha uair na Ionmhasair Urramach aig Comann Siorrachd Inbhir Nis Lunnainn. Tha MacCoinnich a'toirt dhùrachdan dha agus a'faighneachd mun adhartas leis an slat-iasgaich 'Grant Vibration Rod'. Tha e cuideachd a'gabhail naidheachd 'Righ nan Srath Spè' ('The Strathspey King'), Scott Skinner