Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Duilleag Sìnteis dha Maoin Cuimhneachaidh Phàdraig Mac a' Mhuilinn
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_HS+RS_013_001
DEIT
1932
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
6632
KEYWORDS
srathan-spè
ruidhlichean
sìnteasan
cuimhneachain
Subscription Sheet for Peter Milne Memorial Fund

Bha Pàdraig Mac a' Mhuilinn (1824 - 1908), a bha aithnichte cuideachd mar 'Oirfideach Thurlainn', na fhìdhlear coileanta à Siorrachd Obar Dheathain agus bhathar a' cur luach mhòr air a sgilean cluiche agus sgrìobhaidh chiùil. À Cinn Chàrdainn bho dhùthchas, chaidh Mac a' Mhuilinn air adhart gu bhith na fhìdhlear a bhiodh a' siubhal, a' fuireach ann an gruinn dhiofar àiteachan le Turlann nam measg, a tha sia mìle an iar thuath air A-Bèidh ann an Oir Dhè. Mu dheireadh, bha e a' stiùireadh orcastra-an aig cluichean taighean-cluiche ann an Obar Dheathain, Dùn Èideann agus Lìte.

Ann an 1932 chaidh co-dhùnadh gun deigheadh carragh-cuimhne a thogail dha Mac a' Mhuilinn 'mar aithneachadh air a shàr-chomas mar Chluicheadar Fìdhle agus Sgrìobhaiche chiùil, agus mar chomharra air a sheirbheis mhòr a thaobh togail meas air ceòl Albannach, gu h-àraid Ceòl Shrath-spè agus Ruidhle, meur san robh Scott Skinner ainmeil aige mar sgoilear'. Tha an duilleag sìnteis seo airson na maoine cuimhneachaidh. Ri linn sin, chaidh an carragh-cuimhne a thogail ann an Ceàrnag Thurlainn far am faicear e fhathast gus an latha an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Duilleag Sìnteis dha Maoin Cuimhneachaidh Phàdraig Mac a' Mhuilinn

1930an

srathan-spè; ruidhlichean; sìnteasan; cuimhneachain

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant - Highland Strathspey & Reel Society, assorted papers

Bha Pàdraig Mac a' Mhuilinn (1824 - 1908), a bha aithnichte cuideachd mar 'Oirfideach Thurlainn', na fhìdhlear coileanta à Siorrachd Obar Dheathain agus bhathar a' cur luach mhòr air a sgilean cluiche agus sgrìobhaidh chiùil. À Cinn Chàrdainn bho dhùthchas, chaidh Mac a' Mhuilinn air adhart gu bhith na fhìdhlear a bhiodh a' siubhal, a' fuireach ann an gruinn dhiofar àiteachan le Turlann nam measg, a tha sia mìle an iar thuath air A-Bèidh ann an Oir Dhè. Mu dheireadh, bha e a' stiùireadh orcastra-an aig cluichean taighean-cluiche ann an Obar Dheathain, Dùn Èideann agus Lìte.<br /> <br /> Ann an 1932 chaidh co-dhùnadh gun deigheadh carragh-cuimhne a thogail dha Mac a' Mhuilinn 'mar aithneachadh air a shàr-chomas mar Chluicheadar Fìdhle agus Sgrìobhaiche chiùil, agus mar chomharra air a sheirbheis mhòr a thaobh togail meas air ceòl Albannach, gu h-àraid Ceòl Shrath-spè agus Ruidhle, meur san robh Scott Skinner ainmeil aige mar sgoilear'. Tha an duilleag sìnteis seo airson na maoine cuimhneachaidh. Ri linn sin, chaidh an carragh-cuimhne a thogail ann an Ceàrnag Thurlainn far am faicear e fhathast gus an latha an-diugh