- TIOTAL
- Litir gu Buill Comann Gàidhealach Shrath-spè & Ruidhle, 1927, duilleag 2
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_HS+RS_014_002
- DEIT
- 1927
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6634
- KEYWORDS
- farpaisean

Tha comainn Shrath Spè agus Ruidhle air a bhith mar phàirt chumanta den t-saoghal ciùil traidiseanta ann an Alba bho chaidh a' chiad chomann a chruthachadh ann an Dùn Èideann ann an 1881. Chaidh meur na Gàidhealtachd a stèidheachadh ann an 1903. Bha aon de na buill stèidhidh, Alasdair Grannd (cuideachd aithnichte air an ainm 'Battan'), na stiùiriche air a' chomann suas gu àm a bhàis ann an 1942, faisg air dà fhichead bliadhna.
Tha an litir seo (duilleag 2) bho Mhghr B.G. Hoare gu meur na Gàidhealtachd leis a' cheann-latha 21 Dàmhair 1927, a' tarraing air sùim airgid a chaidh a thoirt mar thabhartas dhan chomann gus farpais 'Srathan-spè agus Ruidhlichean' a chur air chois. Tha Mghr. Hoare den bheachd gum bu chòir don chomann an tairgse a dhiùltadh; tha an tabhartaiche a' cur cus chùmhnantan cuingealachaidh ris. Tha Mgr Hoare a' crìochnachadh le bhith a' cur teagamh ann an e dha-rìribh neach iomraiteach às an àite a th' anns an tabhartaiche