Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir air 'Rondello' Alasdair Ghrannd, 22 Màrt 1928, duilleag 2
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_HS+RS_015_002
DEIT
1928
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6641
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
srathan-spè
ruidhleachan
Letter on Alexander Grant's 'Rondello', 22 March 1928, page 2

Seo leth-bhreac de litir , leis an deit 22 Màrt 1928, bho Thòmas Dòmhnallach gu D. Moireastan, Leas-cheannard Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd, a tha a' toirt iomradh air fidheall air cruth clàir a dh'innlich Alasdair Grannd, Inbhir Nis. Tha e coltach gu bheil fear-dèanamh fhìdhlean air a bheil Nash air a bhith a' cumail a-mach bho chionn ghoirid ann an iris an 'Ayrshire Post' gum b' e dh'innlich an 'Rondello'. Tha Mgr Dòmhnallach a' moladh gum biodh an t-artaigil air a thoirt gu aire Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd.

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir air 'Rondello' Alasdair Ghrannd, 22 Màrt 1928, duilleag 2

1920an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich; srathan-spè; ruidhleachan

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - miscellaneous letters

Seo leth-bhreac de litir , leis an deit 22 Màrt 1928, bho Thòmas Dòmhnallach gu D. Moireastan, Leas-cheannard Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd, a tha a' toirt iomradh air fidheall air cruth clàir a dh'innlich Alasdair Grannd, Inbhir Nis. Tha e coltach gu bheil fear-dèanamh fhìdhlean air a bheil Nash air a bhith a' cumail a-mach bho chionn ghoirid ann an iris an 'Ayrshire Post' gum b' e dh'innlich an 'Rondello'. Tha Mgr Dòmhnallach a' moladh gum biodh an t-artaigil air a thoirt gu aire Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd.<br /> <br /> Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG)