- TIOTAL
- Liosta sheataichean ann an làmh-sgrìobhadh airson Comann Srath-spè is Ruidhle na Gàidhealtachd, duilleag 1
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_HS+RS_020_001
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6651
- KEYWORDS
- srathan-spè
ruidhleachan
cuirmean-ciùil

Tha Comainn Shrath-spè agus Ruidhle air a bhith mar phàirt choitcheann den t-saoghal chiùil traidiseanta ann an Alba, bho chaidh a' chiad chomann a chruthachadh ann an Dùn Èideann ann an 1881. Chaidh meur na Gàidhealtachd a stèidheachadh ann an 1903. Bha aon de na buill-stèidhidh, Alasdair Grannd (cuideachd ainmichte mar 'Battan'), na stiùiriche air a' chomann suas gu a bhàs ann an 1942, faisg air dà fhichead bliadhna.
Tha an liosta seo airson dà sheata, a tha ann an làmh-sgrìobhadh, na phàirt de chruinneachadh Ghrannd. 'S dòcha gun deach a chur ri chèile airson cuirm-chiùil leis a' chomann. Tha iomadh fonn Albannach air a bheil daoine eòlach air, nam measg 'An Rathad Àrd gu Linton' agus 'Caisteal Shruighlea'